Thursday, 29 May 2014

Sreathan anns a' Ghainmhich: 'Bardachd' is rannan sa Ghaidhlig

 

SREATHAN ANNS A’ GHAINMHICH

Rannaghail is rannan is rosg-rannan

le

Domhnall Eachann Meek

 



 
 

SEO SINNE…

 

Tha sinne an seo fhathast,

A dh’aindeoin sìde,

A dh’aindeoin stoirmean,

A dh’aindeoin gaoth is uisge,

A dh’aindeoin grodadh is lobhadh,

A dh’aindeoin cosg is caitheamh,

A dh’aindeoin call nan ginealaichean,

A dh’aindeoin imrich is eilthireachd,

A dh’aindeoin tanachadh teaghlaich,

A dh’aindeoin suarachas is sàrachadh,

A dh’aindeoin saighdean seòlta

Ar luchd-dìmeas.

 

Chan e gaotharain an t-samhraidh a th’annainne,

A’ tighinn gar blianadh gach bliadhna air na tràighean,

A ghabhail beachd air dòigh-beatha annasach,

A cheannach liùgain phlastaig mar chuimhneachain,

A sgrìobhadh ròlaistean mun splaoid a ghabh sinn

Mu thuath am measg nan coigreach.

 

Cha mhotha a thàinig sinn a ghabhail fois,

Gu bhith nar n-uaislean an dèidh làimhe,

Nar ceannardan mòra geala

Am measg nan sgalagan.

Chan eil sinne a’ sireadh

Niorbhàna no Tìr nan Òg.

Fòghnaidh ar tìr fhèin dhuinne.

 

Is sinne clann na creige,

Air ar bonntachadh gu daingeann,

Dòchas nar cridheachan,

Dualchas nar cnàmhan,

Eachdraidh nar n-eanchainn,

Ealain nar làmhan.

Ceòl nar còmhradh,

Cànan air ar bilean,

Creideamh nar n-anam.

 

Agus cumaidh sinn oirnn,

Ged a thigeadh an Dìle Bhàthte,

Ged a sgoltadh an speur,

Ged a thuiteadh an t-adhar,

Ged a charaicheadh an talamh,

Ged a bhiodh na h-uisgeachan a’ goil,

Ged a ghluaiste bunaitean an domhain.

 

Tha ar freumhan cinnteach,

Tha ar còir-breith seulaichte.

 

Gabhadh an còrr

Far an togair iad.

Seo sinne.

 
 




DOL GU CLADACH

 

Cha b’ ann a chluich a rachamaid don chladach,

Cha b’ ann a thogail chaistealan,

Cha b’ ann a chladhach chlaisean,

Cha b’ ann a dhol air snàmh,

Cha b’ ann a chleasachd leis na faoileagan,

Cha b’ ann gar blianadh fhèin,

Cha b’ ann a ghabhail air ar socair,

Cha b’ ann a sheòladh air clàr-gaoithe

Air uachdar na tanalaich.

 

Bha ar togail anns a’ ghreabhal,

Bha ar glainead anns a’ ghainmhich,

Bha ar cinneas anns an fheamainn,

Bha ar beatha anns a’ chuan.

 


Rachamaid ann le eich is cairtean,

Is gheibheamaid ar cuibhreann:

Fallas ar saothrach a’ sruthadh

Na thonnan, mus tilleamaid.

 

Cha b’ iad ar n-ainmean

A sgrìobhamaid gu faoin

Le stamh no le bioran

No le corraig, ’s an ath làn

Gan sguabadh às.

 

Dh’fhàgamaid ar làraichean

Nan comharraidhean càirdeis,

Gu domhain ar an treabhadh,

Gu làidir air an daingneachadh

Gu fonnmhor air an snaidheadh,

Na cairtean a’ dìosgail leis a’ chudthrom,

Na h-eich a’ slaodadh aig uchd an dìchill,

 

’S na roithean iarainn a’ gearradh

Shreathan anns a’ ghainmhich –

Mhaireadh iadsan

Beagan na b’ fhaide.



Ceann an ear Thiriodh, a' sealltainn a-null siar  (Coir:  Angus agus Pat MacDonald)

 

TIR IOSAL GUN EORNA

 

Eilein Thiriodh mo ghràidh-sa far am b’ àbhaist dhomh leum

Air do thràighean ’s do bhràighean le aighear nam cheum,

’S gann gun creid mi cho àlainn ’s tha gach àite dan tèid,

Gach taigh ann cho snasail, gun salchar, gun bheud.

 

Chan e idir taigh-tughaidh tha dubh leis an t-saoidh,

Ach lùchairt ceann-fealt leis gach ùr-rud na bhroinn;

A chìrean ag èirigh gu na speuran le loinn -

‘Taigh Tirisdeach’ maiseach, ach càit’ bheil an sgoinn?

 

Eòin an t-samhraidh a’ siubhal gu neadan bha uair

A’ cur dìon air deagh àlach bha ri àr agus buain;

Tha muinntir a’ bheairteis mu dheas is mu thuath –

Is mise an tuataidh, ged bha mi uair measg mo shluaigh!

 

Gach pàirc san robh treabhadh, chan fhaic mi ann sian,

Chan eil arbhar a’ fàs ann no gràinn anns an dias;

Cinneas gorm air gach aonach dol gu laomadh is riasg,

Crodh, laoigh is treud chaorach leotha fhèin air gach sliabh.

 

Sgaoth de gheòidh tighinn a laighe ’s a chriomadh an fheòir,

A’ fàgail gach rèidhlein cho rèidh ris a’ bhòrd;

Chan eil cead bhith gan leagail, ’s ann aca tha chòir –

Ach nan robh agamsa gunna, chuirinn urchair nan tòin!

 

’S e ’n ‘àrainn’ seach Gàidhlig tha làidir san tìr -

‘Fàg gach eun agus ainmhidh gu seasgair an sìth’;

Fhad ’s bhios iadsan is biadh ac’, is coma an nì

Ged bhiodh seachd bliadhna gort’ a’ liathadh ar cinn!

 

Tha ‘leasachadh’ fasant’, ach chan e salchar nam mart

Ga sgaoileadh air iomair le gràb’ biorach bho chairt!

’S e ‘urras’ is ‘buidheann’ is ‘cumaibh seo ceart’,

‘Is thig Linn Mhòr an Aigh oirbh le saoibhreas bhios pailt’!

 

Ach cluinnidh mi fhathast fear cur teagamh sa chùis,

A’ cur sad às na h-itean aig neach-labhairt gun tùr;

Luchd-labhairt na Gàidhlig, ged tha ’n àireamh air lùghd’,

’S ann aca tha ’n tuigse – agus na bitheadh iad diùid!

 







A’ BHEINN MHÒR

 

Ri gaoth no ri grian,

Ri cogadh nan sian,

Tha thu seasmhach o chian gus an-diugh.

 

Le sgòth air do bhàrr,

Ach an còrr dhiot gu slàn,

Tha aighear is àilleachd nad chruth.

 

Aig fosgladh mo shùl’

Air madainn le driùchd,

Bhiodh tusa gam stiùireadh le tlus.

 

Bu tu combaiste m’ òig’,

A’ toirt iùl dhomh le deòin,

Ged thùirlingeadh ceò orm gu dubh.

 

Ann an àine an là

Bu tusa mo ghràdh,

’S tu gam brosnach’ gu sàr-obair dhuts’.

 

Bha do shliosan cho rèidh

A’ cur sùnnd air na fèidh,

'S iad a’ deoghal le spèis air gach lus.

 


'S chìte luingeas fo sheòl

A’ dol seachad fod chòrs’,

Gàire geal air am beòil anns an t-sruth.

 

Aig dol fodha na grèin’,

Tha thu lasadh mar chèir,

Le soilleireachd shèimh aig do bhun.

 

Ri fairean na h-oidhch’

A’ cur geàrd air do chloinn,

Le do ghàirdeanan coibhneil, tiugh.

 

Beinn Nibheis tha faoin

Seach beinn ud mo ghaoil,

Tha a’ seasamh le aoibh gus an-diugh.



 
 

 

 

AM BALACH ’S AM BODACH

 

Choinnich mi an-diugh ri balach

’S mi a’ tarraing chlach agus chrualach,

Fear òg le deàlradh na aghaidh,

Gun eòlas air àmhghair no cruadal,

Dath an fhithich san fhalt aig’,

Doimhneachd na mara na shùilean.

‘Dè tha sibh a’ dèanamh, a charaid?’

Dh’fhaighnich am balach le suairceas.

 

‘Tha mi a’ cur taic ris a’ bhunait

Aig an taigh sin thall le mhòr-stuaghan;

’S mi taingeil gum faod mi bhith togail

Nan clachan corrach le sluasaid,

Gun nì a’ cur dragh air mo mheanmna,

Ach fèithean  a chleachdadh sa chuaraidh.’

 

‘Dè tha thusa a’ dèanamh?’

Dh’fhaighnich mise le truas dha.

 

‘Tha mise an-dràsd’ ’s mi nam sgoilear,

Nam shuidhe an seòmar nan uaislean,

Ag èisdeachd ri eachdraidh Alba

Is Shasainn is Eirinn ’s an cruaidh-chas.

Tha mi shìos ann an Drochaid a’ Cham,

An siud anns na lùchairtean snuadhmhor,

Far an cluinnear guth ceòlmhor nan oidean,

Ag innse mar thàinig na sluaghan.

 

‘Corr uair bidh mi mach air an abhainn.

A’ tarraing m’ anail gu suaimhneach,

‘S bidh mi tacan nam shuidhe san leabharlann,

A’ leughadh ’s a’ cadal ‘s a’ bruadar.’

 



‘Nach annasach sin,’ arsa mise,

‘Bha mise uair ris a’ chiùird sin,

Ag èisdeachd ri oideachan snasail,

’S a’ frithealadh òraidean drùidhteach,

A’ coiseachd nan cabhasairean seana,

’S a’ plubadaich anns na mion-stuaghan.

 

‘Lean mi an abhainn gu toiseach,

Shir mi le dìcheall na tùsan;

Is shaoil mi le cinnt gun lorgainn

An Rosetta a bhiodh na clach-iùil dhomh;

Gum bithinn nam ollamh mòr ainmeil,

A’ tarraing nan ceudan gam ionnsaigh,

Ach cha robh ann am inntinn ach faileas,

Ged bha i làidir gu leòr mar bhuaireadh.

Agus seo mi a-nis leis a’ bhara

A’ cur neart ris a’ bhunait thug tùs dhomh,

Gam shamhlachadh fhìn ri Oisean

An dèidh bàs na Fèinn’ a bha buadhmhor!’

 

’S thuirt esan le tuigse na shùilean,

‘Cò idir, idir a chreideadh

Gun robh sinne mar aon a’ gluasad?’

 

 


 

AM BÀS HIORTACH

 

Thachair gun do ghabh mi seachad

Air an taigh agaibh, bha uair cho snasail,

A’ togail seallaidh mach gu Gunna,

’S Greasamul gorm an fheòir mu choinneamh.

 

Ach bha am bàs air gach clach sa bhalla,

Salchar mhart air an starsaich,

An spùt a’ dol suas air an stuagh gun amas;

Far am buaileadh, sguab am feaman.

 

Ach bha gach uinneag fhathast fallain,

‘S chìthinn dealbhan air gach balla,

Being is bòrd ’s a h-uile cathair,

’S an cidsin le chuid acfhainn fhathast,

Mar a dh’fhàg sibh iad an latha,

Thàinig an Gairm Mòr gur tarraing

 

Mach à tìr nam beò don chladh ud,

As nach till an t-aon as gaisgeil;

’S cha robh tlachd aig mac no caileig

Don taigh a thog sibh le mòr-mhaitheas.

 

Tha an làrach lom nas fhasa

A bhith rèidh ris na am fear ud;

A Dhia nan Gràs, cluinn m’ athchuing,

Is dèan ar teàrnadh bhon bhàs Hiortach.

 

 

AN SEANN BHEALACH

 

An-diugh choisich mi an seann bhealach,

Ceum air cheum thar a’ mhachair,

Tron fheur fhada ’s tron mhuran,

Far am bu tric a bhitheadh casan

An eich dhuinn a’ draghadh cartach;

Na crùidhean a’ dèanamh chlaisean,

Is brògan nan roth a’ gearradh chlachan,

’S dòchas ann an cridh’ a’ bhalach

Gum faigheadh e feamainn air a’ chladach.

 

‘S gun tilleadh e ’s a’ chairt a’ dìosgail,

Na rothan a’ bìogail air na h-aislean,

An t-each donn a’ strì san acfhainn,

An t-uisge a’ sruthadh às na stamhan,

Am balach a’ coiseachd taobh na cartach,

Gus an ruigeadh e an aitir

Far an copadh e am mathas

Bheireadh fàs bhon churachd earraich.

 

Choisich mi, ’s an dealbh cho soilleir,

An fheamainn ruadh ’s i toinnt’ mum chasan,

An t-each fiamhach le eagal mara,

A’ chairt a’ glagadaich le faram,

’S nuair a ràinig mi an cladach

Bha an fheamainn àrd na stacan,

Tiùrran buidhe a’ cur thairis…

 

Ach mo chreach, ’s mi air an starsaich,

Chaill mi ’m am bealach anns a’ bhaca,

Sìoban mìn a’ toirt bhuam mo chasan:

Cha robh leasachadh an dàn dhomh -

Bealach na h-òige, bealach na h-aisling.

 

 

 

A’ BHUAIN

 

Bha coimhearsnachd ann an uair ud

Is coimhearsnaich a thigeadh thar nan crìochan

Gu deònach gar cuideachadh,

Gu sùnndach gar neartachadh,

Gu h-èibhinn gar brosnachadh,

Le aighear nan ceum.

Ceòl nan cridhe,

Bàrdachd air am bilean,

Coibhneas nan corp,

A’ cur an uchd ris a’ bhruthach,

Agus an anail ris an obair.

 

Cuideigin a’ spealadh,

Cuideigin a’ togail,

Cuideigin a’ glanadh,

Cuideigin air an inneal-bhuana,

Cuideigin a’ tional sguaban,

Duine no dhà a’ dèanamh adagan,

Duine no dhà a’ toirt thugainn

Balgam tea a fhliuchadh ar càil.

 

Bu togarrach gach beum is dlò,

Bu bhrìoghmhor bòidheach gach stàth,

’S anns an fheasgar shuidheamaid

Mu bhòrd mòr na Deireadh Bhuana,

’S a’ Mhaighdeann dhealbhach dhiasach

A’ toirt dhuinn a toraidh.

 

Cha b’ e facal faoin faileasach

A bh’ anns a’ bhuain an uair ud,

Ach neart is brìogh is ciall

Co-obrachadh coimhearsnachd,

Is spiorad is sealladh is spionnadh

Is dòchas is dùrachd is deagh rùn

Co-chomann ar beatha.

 

An-diugh tha na h-achaidhean falamh,

Gun seagal, gun choirce, gun eòrna,

Na goirtein gun treabhadh, gun bhàrr,

’S a’ Mhaighdeann Bhuana

A’ caoidh a cuid chompanach

’S gun duine beò a shuidheas

Còmhla rithe aig a’ bhòrd. 

Cha bhi sìol aice

Tuilleadh.

 




SEUMAS TOOICK

 

Thàinig thu do Thiriodh, a Sheumais,

Mar fhògarrach òg à toit Ghlaschu,

Gun athair no màthair no sinnsireachd,

Gun fhios cuin a rugadh tu,

Gun fhios cò thu,

Gun fhios dè bha air thoiseach ort,

Ach ghabh Iain mac Nèill agus a bhean

Riut mar uchd-mhac, gad ghràdhachadh,

A’ cur na Gàidhlig gu caomh air do bhilean,

A’ cur aodach Tirisdeach air do chnàmhan bochd,

A’ cur fallainneachd an eilein nad chorp,

A’ cur neart nad cheann is nad inntinn,

’S a’ toirt dhut dualchas daingeann.

 

Air taobh thall a’ ghàrraidh,

Neadaich thu le teaghlach Eachainn Bhàin,

’S thu fhèin is Eachann Meek

Mar an dà bhràthair, ag obair air a’ chroit,

A’ treabhadh agus a’ curachd,

A’ buain an arbhair agus ga chròdhadh,

Eachann a’ forcadh ’s tu fhèin a’ stampadh,

’S na sgeulachdan a’ dol,

’S ur gàire geur a’ seinn gu ceòlmhor

Air an oiteig fhoghair.

 

Chaidh thu gu nàdarra nad Thirisdeach,

Thu fhèin is Eachann coltach ri chèile

Anns an dòigh sin, na coigrich

Meek agus Tooick – ainmean neònach! –

A’ dol gu moiteil nan Gàidheil.

 

Nuair a thrèig an anail thu, a Sheumais,

Bha Eachann rid thaobh gad chaithris:

Le gràdh blàth, bràthaireil,

Thug e dhut do shinnsireachd

Nuair a chaidh do bhàs a chlàradh –

Agus bha thu ainmeil is aithnichte

Aig deireadh do rèis,

 


NIALL AILEIN

Mar chuimhneachan air Niall MacPhàidein,

fìor dheagh choimhearsnach san Aird Deas

 
 

Chì mi fhathast ur ceum

A’ tighinn thar dìge le leum,

’S sibh le sùbailteachd fèidh anns a’ phàirc.

 

Ceithir fichead gu rèidh,

Ach an òig’ anns gach fèith,

A’ ruith thugainn le spèis anns gach cnàmh.

 

Gach sguab is a cèil’

Dol don adaig gun bheud,

’S sibh cho gnìomhach ri ceud anns an àit’.

 

Ur guth is ur gleus

Ann an innse nan sgeul,

Cho aighearach geur ri sàr bhàrd.

 

An Innis Choinnich nur rè,

Thàinig taibhs às ur dèidh,

Ach leag sibh a’ bhèist le neart làmh -




Air oidhche gun leus

No solas san speur,

Dol thar stalla le beum air an tràigh.


  
Ar coimhearsnach treun

Nach faiceadh duine am feum,

Ach a thigeadh ’n am èis le mòr ghràdh.

 

Mar eun air an sgèith,

Mar aiteal san speur,

Tha ar beatha gu lèir is ar dàn:

 

Ach bha sibhse, a Nèill,

Mar dheàrrsadh na grèin’,

A’ cur toradh san dèis air gach bàrr.

 

Gus an imich mi fhèin,

Chì mi daonnan ur ceum,

’S ur n-aodann le meud ur deagh bhàidh.

 



 

AN CRANN

 

Air an lobhta gu h-àrd bha air fhàgail seann chrann,

Le ròpa no dhà, ’s seòl bàn, ged bu ghann,

Ach dhùisg siud mo smuain gu bhith bruadar san àm

Mun iùbhraich chaoil dharaich bu shùnndaich’ bhiodh ann.

 

Gus an togainn am bàt’, gu bràth cha bhiodh srann

Aic’ a’ togail gu cuan no a’ sluaisreadh nan tonn;

Is ghabh mi an sàbh, a’ ghilb ’s an t-òrd cam

Agus rinn mi dhi druim agus gheàrr mi dhi bann.

 

Bliadhna de shaothair ’s bha gach taobh dhith gu teann,

Gach tumair na àit’, ’s cha robh timcheall dhith fann;

Bha a beul is a h-aisnean air an ceangal le lann,

Air an snaidheadh gu snasail, gun lasachadh ann.

 

Sin thug mi gu moiteil on lobht’ an seann chrann,

Agus chàraich mi rith’ e, is dh’fhalbh i na deann;

An seòl aic’ làn gaoith’ ’s i a’ leum mar am meann

Thar sruthan na mara, gach cnoc agus gleann.

 

Iùbhrach mo bhruadair, bha i gluasad le srann,

Bha i ann an da-rìribh gu bhith strì ris gach tonn;

Cha b’ e duin’ eil’ a thog i, ach mo làmh-sa ’s mo cheann –

Gus an tog sibh am bàta, cha dèan sibh feum den t-seann chrann.




 

 
A’ CHEÀRDACH

 

Seo mi air tilleadh a-rithist

Gu taigh-obrach m’ òige,

A mhair fad nam bliadhnachan

Nuair nach robh ach na taibhsean

A’ tadhalt air oidhch’ is latha.

 

Gabhaidh mi ceum

Far na starsaich rèidh chloiche

Gu cridhe na croite,

’S tha iad siud timcheall orm,

Na seann daoine air tilleadh

Còmhla rium.

 

Teàrlach leis an each dhonn,

’S m’ athair aig an teine,

Am bolg mor ga shèideadh,

Crùidh eich ga teasachadh,

Na lasagan dearg-mhairbhteach,

An gual dubh a-nise geal

Anns a’ ghrìosaich ghairbh,

An t-iarann ga spìonadh le clobha,

Cearcall gorm ain-teas ga chuartachadh,

Ga stiùireadh chun an innein.

Gàirdean gaosaideach m’ athar

Ga lùbadh, ’s an uairsin

Ga fheuchainn air an each,

Losgadh na ladhrach is fàileadh càise,

Toit ghorm, ’s a’ chrùidh chruthaichte

Ga baisteadh aig ceann teanachair

Ann am ballan uisge.

 

Na gnothaichean a rinneadh an seo!

Na ciùirdean a chunnacas sa cheardaich!

Na bùird, na cathraichean,

Na creathaillean, na cisteachan

Do na beò ’s do na mairbh,

Na preasan, na dreasairean,

 
Na cairtean, na cliathan,

Na coltairean, na roithean,

Na geòlachan leathann

A thogadh na giomaich,

’S na h-eathraichean biorach

A bhuannaicheadh rèisean!

 

Chan eil lorg orra:

Chnàmh iad uile don bhaca,

Ach fairichidh mise

An làthaireachd fhathast.

 

Siud thall taibhs’ a’ bhalaich bhig,

Neart a bhodhaig a’ fàs leis gach buille,

A’ gabhail cruth nan ginealaichean,

A’ tighinn chun a’ bhùird-obrach,

Gu luchd-teagaisg acfhainneach na beatha,

An t-òrd ’s a’ ghilb ’s an sàbh,

An eighe ’s an glamaradh,

Gan togail na làimh,

’S a’ cruthachadh bàta bòidheach

A bloc rag fiodha.

 

Seo a-nise am bodach

A’ tilleadh gu oilthigh òige,

’S bàta ùr eile air inntinn,

An tè as fheàrr a rinneadh

Riamh, mas fhìor:

Leathann air a gualainn,

Domhain air a druim,

Cinnteach air cùrsa,

A’ dol air a’ ghaoith

Le fonn siùbhlach,

’S e fhèin aig an stiùir.

 

’S ann orra a sheòlas e

Air an turas dheireannach,

Is eich luatha Mhanannain

A’ breabadh an casan,
 
’S sradagan geala na ceàrdaich

A’ cur drithleann

Air a’ chuan.






AN TURAS

 

Chuir iad siud ‘an turas’

Ann am bocsa aig ceann a’ cheidhe,

Gach nì cinnteach, ceangailte

Eadar ballachan cloiche, daingeann,

Toiseach is deireadh, tùs is crìoch,

Muir is speur,

Cladach is achadh;

Chan eil agad ach dol ann,

Agus chì thu cho cumhang,

Cuingealaichte,

Crioslaichte,

Cosgail,

Crìon,

’S a tha an ceum-san,

Cho buidhe,

Breugach,

Bochd,

Breòite,

’S a tha an dòchas.

 

Ach an turas air a bheil mise,

Chan eil ceann-toisich no ceann-uidhe aige,

 Fo speur fosgailte, farsaing,

Na siantan a’ bualadh, na biodagan

A’ gearradh mo shròine,

An stoirm a’ tighinn le uamhas,

Samhradh is geamhradh is earrach is foghar,

Losgadh is lathadh, cur is buain,

Cladhach is cliathadh, treabhadh is trainge,

Is corra mhionaid fois.

 

‘S chan eil cinnt agam nach tuit mi,

Nach gèill mo chasan fodham,

Nach sleamhnaich mo cheum,

Nach tèid mi le stalla,

Nach tuit mi le leathad,

Nach tig maoim-sleibhe,

Nach bi an gadaiche a’ fuireach rium

Eadar Ierusalem is Ierecho,

Ach is gasda leamsa an fharsaingeachd,

An sealladh ùr nach fhacas roimhe.

 

Thig còmhla rium, a charaid,

Fàg na caistealan cinnteach,

Na lùchairtean lòghmhor

Luchdaichte leis na seann seudan,

Ma thèid agad air cùl a chur ri cleachdadh,

Agus socraichidh sinn ar sùilean

Air a’ chrann ud thall air fàire.

 

Chan eil an còrr againn

A bheir treòir dhuinn.

 

 







EADAR HIORT IS PEAIRT

 

An latha ud ann an Hiort,

Ceò fuar dùmhail air Conachair

’S grian theth a’ dian-sgoltadh

Mol is clachan a’ bhàigh,

Bha mi eadar a bhith beò

’S a bhith marbh, air udalan

Eadar saoghail, eadar tùsan

Is crìochan, eadar iomallan

Is meadhain, eadar ròlaist

Is da-rìribh.

 

A’ coiseachd tron bhaile,

Taibhsean anns na cagailtean,

Mi fhìn air an starsaich

Eadar eagal is annas,

Eadar an-diugh ’s an-dè,

Eadar cleit is cladh,

Eadar corp is anam,

Eadar adhradh is dìteadh,

Eadar sgoil is eaglais.

 

Ann an leth-sholas an eadarrais,

Bha an ‘Dunara’ a’ seinn

Dùdach mhòr na h-imrich,

Fhad ’s a bha mi a’ fuireach

Gus an tilleadh na fir

O bhith sealg nam fulmairean

Ann am Boidhearaidh,

’S na Sailm air am bilean,

Eadar nèamh is talamh.

 



Chunnaic mi toiseach an t-saoghail

Agus ceann-uidhe mo bheatha

An àiteigin eadar Lèibhinis

Agus cìrean sgorach an Dùin,

Mus do sheòl mi mu dheireadh

Eadar mòralachd Stac an Armainn

Is greadhnachas Stac Lì,

Is grian an fheasgair

A’ ciaradh anns a’ cheò

’S mi a’ dol dhachaigh

Ann an cop geal na mara

Eadar Hiort is Uibhist

Eadar aoibhneas

Is bròn. 

 

Guma fada bhuamsa

Peairt.

 




BAILE NA BEIRBHE

 

Baile na Beirbhe tha àlainn,

Caladh cinnteach is sàbhailt,

’S taighean fiodha mun bhàgh togail sgèimh.

 

Am port san robh Mànas

Mus do ghabh e gu sàile,

Anns a’ chabhlaich chuir blàr Leargaidh rèidh.

 

Tha ’m port seo na phàirt dhiom,

Cridhe beò nan seann làithean,

’S na Lochlannaich dhàn’ bualadh bheum.

 


Na gaisgich dh’fhàg làrach

Air ar dualchas ’s ar nàdar –

Bu tric bha an gàir’ dol am meud,

 

’S iad ri òrain ’s ri bàrdachd,

Is spòrs chlaidheamh làidir,

Feuchainn meantair gach sàr-fhir le euchd.

  

Creic is ceannach gu làitheil

Ann am margadh air sràidean,

Buaidh gach toraidh ga àrdach’ le eud.

 

An rathad mara as àille

A’ snìomh tro na bàghan,

Coilltean dosrach is tràighean mar leug.

 

Luingeas chèin agus chàirdeil,

Smùid dhubh is siùil bhàna,

Gach bòrd agus clàr tarraing spèis.

 

Tha mi fhathast san àite

Gabhail beachd air gach bàta,

’S na cruinn àrda a’ sreap chun nan speur.








 

AN T-IOMALL MEADHANACH

 

Is math gun do mhair an t-iomall

Nuair chaidh am meadhan na smùr:

Is math gun do mhair gach eilean

Gus am faigheadh na coigrich rud ùr.

 

Is math gun do mhair an t-iomall,

’S nach deachaidh a lìonadh le smùid,

Gus am faigheadh na coigrich bhith siubhal

Le ealain air mullach gach *rùit.          

 

Is math gun do mhair an t-iomall

Nuair thogadh taighean àrda gun tùr,

’S gum faigheadh na coigrich bhith còmhnaidh

Ann am bothain nam putan le sùnnd.

 

Is math gun do mhair an t-iomall,

Gus an nochdadh na coigrich deagh rùn,

Le bhith cur an dreach fhèin air gach eilean,

’S le bhith togail a’ mheadhain às ùr!

 

*rùit – facal Tirisdeach airson ‘tonn mòr’



 






RÌOGHACHD NAN EILEAN

 

’S e muinntir an iomaill a bh’ annainne riamh,

Beò air a’ bhochdainn ’s a’ siubhal nan sliabh:

Nar suidh’ air ar màsan gun idir aon ghnìomh,

’S ag innse nan ròlaistean mòra.

 

Bha sinne cho aineolach thall san taobh shiar,

Ag adhradh do dhiathan mar a’ ghealach ’s a’ ghrian,

’S sinn fada bho mheadhan nan dùthchannan brèagh’

Aig cridhe na fior Roinn Eòrpa.

 

Nuair thàinig ar n-athraichean thar nan tonn liath,

Bha an cànan cho coimheach ri faoileag nì sgriach,

Bha ‘Q’-Ceiltis ac’ an dèidh sgaradh a dhèan’,

’S na P-Ceiltich deurach, brònach.

 

Sin agaibh barail, ’s gun fhios nach e breug

A dh’innis na sgoilearan dhuinne o chian:

Saoil càit bheil an t-iomall da-rìribh san sgeul?

’N ann leinne am meadhan le còir air?

 

Mas e sin an fhìrinn, nì sinne ùr-rian,

Is crùnaidh sinn Baraidh* mar Rìgh gus ar dìon,

’S a stèidheachadh Rìoghachd nan Eilean le sgiamh –

Neo-eisimeil, saor agus òirdheirc!

 

Cuiridh sinne glas-ghuib air na daoine gun chiall

Tha gar faicinn mar sgudal air rudha nach fhiach:

’S e sinne am meadhan, ’s ann ann bha sinn riamh,

’S an t-iomall – ’s e sin an Roinn Eòrpa!

 

*Baraidh Cunliffe

 

 

A’ CHAILLEACH

 

Ged a bha thu beag, cha robh thu bog:

Bha do chnàmhan air an cruadhachadh

Le bliadhnachan mòra de shaothair,

Linntean fada a’ dol o ghinealach gu ginealach,

Gach cinneadh is treud anns na crìochan agad

Gad ghabhail orra fhèin, ’s tu fhèin cho toilichte

A’ toirt cothom dhaibh an smuaintean a chur an cèill,

A’ cur cumadh air am beatha, air an sealladh-saoghail,

Nad mhàthair-altraim o bhreith gu bàs,

A’ cumail cearcall-màis ris an fhàrdaich,

A’ cladhach gu domhain ann am feannagan nam facal,

Eadar earrach is foghar, samhradh is geamhradh,

A’ riasladh ’s a’ ruamhar le cas-chrom,

Air monadh ’s air cladach, air muir ’s air tìr,

A’ falbh le cliabh air do dhruim,

A’ cumail smachd air do theaghlach mì-rianail,

Mì-riaghailteach, mì-dhoigheil, mì-dhiadhaidh,

Gus an tàinig mu dheireadh an aois ort fhèin,

‘S thòisich na h-uilt air gèilleadh,

‘S na ròineagan air liathadh;

Ged as iomadh aon ded chloinn a chuir thu romhad.

 

Rinn sinn ar dìcheall do chumail gu seasgair,

Ach cha b’ ann gun strì, ’s tu am feum frithealadh.

Cha dèanadh an taigh-tughaidh an gnothach tuilleadh,

‘S tu air fàs spaideil, mas fhìor.   Bha thu fhèin coma

Airson a’ bhìdh Ghallda, ’s an arain mhilis.

B’ e brochan dubh an eòrna a b’ fheàrr leat.

 

Ach bha do chlann a-nise a’ tighinn gu latha

Ann an ceithir ranna ruadh an domhain,

’S a’ gabhail deagh bheachd orra fhèin,

Fada bho na feannagan, fada bhon chruadal,

Fada bhon bhuachair ’s bhon bhuachailleachd.

B’ fhèarr leothsa an uaisleachd shaoghalta.

An chilli con carne seach a’ mharag dhubh.

 

Chuir sinn thu ann an taigh-fasgaidh,

Far am faigheadh tu deagh aire bho choigrich,

Is theich sinn fhìn gu na fàrdaichean beaga buannachdail,

Far nach fhaighear teine am meadhan an làir

No cabar-saoidh no salachar no sian a bheir toibheum

Do ghleans an t-soirbheachaidh ’s an leasachaidh.

 

Ach bu bheag leatsa sin.

Ged a tha thu a’ call d’ analach,

Thèid agad air deagh sgread a dhèanamh fhathast,

Agus cluinnidh sinn thu ann an sàmhchair na h-oidhche

A’ briseadh sìth ar cogaisean,

‘S tu a’ glaodhach, ‘Cuin a gheibh mise

A-mach às a’ ghainntir seo?’

 

 

AN LATHA A BHÀSAICH A’ GHÀIDHLIG…

 

Bha Ball air a chasan sa Phàrlamaid

Ag innse mu mheud a ghràidh-san dhi:

Cha bhruidhneadh e facal

Ach cha robh sin na bhacadh –

Bu toigh leis a fuaim ’s a h-àghmhorachd.

 

Bha sgoilear san oilthigh a’ cnuasachadh

Luchd-labhairt na Gàidhlig sna Cùnntasan:

Bha solas na coinnle

A’ tabhairt dha soillse,

Gus an do theirig an lasair le thùchanaich.

 

Bha fear anns an t-sabhal le dianadas

A’ bleoghann bò odhar an Riaghaltais,

Nuair bhreab i an cuman

’S a land e san sgudal,

’S am bainne a’ sruthadh o chiabhagan.

 

Bha ’n sluagh anns an tuath ag àrdachadh

Cliù an t-Sàr Bhàird aig a’ chàrn aige:

Nuair bha iad ga aoireadh,

Gun deach iad a chaoineadh

Nach b’ ann idir sa Bheurl’ rinn e bhàrdachd dhaibh.

 

Bha cailleach an sàs ann am faclaireachd,

Fad lethcheud bliadhn’ ’s i a’ slachdartaich;

Nuair rainig i P,

’S ann chaill i a clì.

’S i sìnt’ air muin duilleig ’s i sranndaireachd.

 

Bha bodach aig Mòd ’s e ri òraidean

Gun robh esan cho làn de dhòchas dhi:

Bha toll air an fhèileadh

Far am faicte a shlèisdean,

Ach cha robh sin a’ cur stad air a bhòillich-san.

 

Bha tè ann an oisean is còisir aic’,

’S i dalladh air ‘Muile nam Mòr-bheanna’,

’S a’ togail a làmh

’S a’ tachas a màs,

’S a’ sgreadail àrd-ghleusan dòrainneach.

 

Bha fiscals air bàta mòr Steòrnabhaigh

Is cead agus còir on Bhòrd aca:

‘Mur dèan iad am plana,

Chan fhad’ bhios i maireann –

’S e Chomhairl’ bu chòir bhith ga beòthachadh.’

 

Bha Baile na Gàidhlig ’s e fàsaichte,

Cha robh aon bhodach no pàisde ann:

Chan fhaigheadh iad obair,

Is theich iad, ma thogair,

A-null thar a’ Chaoil a’ gàireachdainn.

 

Bha ollamh on Dùn thall san Eòrpachas,

’S e cur as a chorp mu na còirichean

Bha aig gach cànain

A labhradh o Adhamh,

‘S nach robh aig a’ Ghàidhlig ach geòbalais.

 

Bha fear ann an Tiriodh gu h-àrdanach

A’ sgrìobhadh fìor dhroch bhàrdachd dhuinn:

Dhèanadh e tàire

Is thogadh e gàire,

Ach cha b’ fhiach a chuid bàrdachd fàrdain leinn.

 

’S e Coinneach aig Sgrùd rinn an tòrradh dhi,

Bhon is fhada ’s is cian bhon a thòisich e

A’ cùnntas gach bàs

A bha anns an àit’,

’S gan cur air na graphs bhiodh a’còrdadh rinn.

 

Thug BBC Alb’ an deagh naidheachd dhuinn,

Le prògram luma-làn le agallamhan,

Le Daibhidh mo ghràidh

’S am Bradan mòr dàn,

’S sheinn bean air a’ chlàrsaich marbhrann dhi.

 
 





BLÀR NAN RADAN AN STEÒRNABHAGH

 

Bàt’-aiseig nan radan, ’s i th’ air m’ aire an-dràsd’,

’S mar thàinig na biasdan air tìr mar a’ phlàigh,

An Steòrnabhagh àlainn nam bùithean ’s nan sràid –

Bidh cuimhne gu bràth air an seòltachd.

 

An dèidh dhaibh bhith riasladh fad bliadhna sa chuan,

Thog an Sgiobair Mòr Radanach suas a dhà chluais,

’S thòisich gach ròinneag na fhiasaig air duan,

’S e faireachdainn buaraidhean Leòdhais.

 

‘Mur bheil mis’ air mo mhealladh tha aca deagh chàis’,

Is sìol tha cho brìoghmhor ris a’ chruithneachd as fheàrr,

Is seòlaidh sinn dìreach do chaladh mo ghràidh,

Far am faigh sinne fàilte cheòlmhor.’

 

Nuair dh’ èirich na cailleachan madainn Dimàirt,

’S a sheall iad le tlachd a-mach chun a’ bhàigh,

Chunnaic iad iùbhrach nach bu diù leis a’ cheàrd

A’ tighinn gu tràigh gu beòthail.

 

Thuirt Magaidh ri Peigi, ‘Cheeri an-dràsd’,

Gus am faic mi na towerists le cluasan cho àrd,

Le sròinean cho fada is fiasag mum bàrr –

Cruise-ship le sluagh, tha mi’n dòchas.’

 

Ach theab ise fannachadh muigh air an t-sràid

Nuair thàinig na creutairean liath ud gu làr,

A’ siubhal le trotan gu Sràid Chrombail gun dàil,

’S iad ag ithe gach càis’ le sòlas.

 

Chan e idir an càis, ach gach briosgaid ’s gach bùth,

Cha robh criomag air fhàgail nach do chuir iad nam brùth;

Cha robh spiligean an Tesco, no nì le mìr sùigh,

Nach do shluig iad le sùnnd gu deònach.

 

Chuir iad fios suas gu Coinneach ’s thàinig e fhèin,

Le recòrdair beag spaideil, ’s rinn e agallamh ghleusd’;

‘Cha bhi duine sa Ghàidhealtachd nach toir dhuibh a spèis

Nuair bhios e ag èisd’ ris a’ phrògram!’

 

‘S an sin chaidh na radain a mhire ri Mòr,

‘S bha Flòraidh a’ dannsa le sunnd agus ceòl,

‘S chaidh Aithris an Fheasgair na bhreislich gun dòigh,

‘S na radain a’ seinn len còisir.

 

Nuair chuala an dùthaich an ùpraid ud shuas,

Chuir Daibhidh an Nèibhidh gu luath don taobh tuath:

‘S an caladh mòr Steòrnabhaigh chuir iad gu cruaidh

Blàr nan Radan le luaidh is fòirneart.

 

Fad bliadhna is seachdain bha iad a’ sabaid san àit’

Mus do spad iad na radain a thàinig sa bhàt’:

‘S mar chuimhn’ air a’ bhatail dh’ainmich iad sràid –

‘Sràid an Rat-reud’, gu bòidheach.

 

PS

Cha tig bàt’-aiseig nan radan do Thiriodh gu bràth;

Chan eil sian anns an eilean a thigeadh rin càil;

Tha ’n Co-op cho falamh ’s gun spruilleach air làr,

’S gun aran no càis’ no eòrn’ ann.





 

BLÀR NAN SGUAB

 

Is fhada bhuainne Blàr nan Sguab,

Nuair a chuir na Tirisdich threuna

‘Sguab eòrna gu crios

Ann an craos Lochlannaich’.

Bu mhath a chleachd iad na sùisd

Air an latha àghmor ud,

A’ cur sad às na h-itean

Aig na creachadairean.

 


B’ e sin an-dè,

Nuair nach robh sinn glic,

Nuair nach robh sinn tuigseach,

Mus d’fhuair sinn eòlas

Air math seach olc,

Air modh seach mì-mhodh.

 

Is fhada bhuainne an-diugh

An t-seann bhorbalachd

A bha aig ar n-athraichean,

Agus, ma dh’fheumar a ràdh,

San t-saoghal PhC a th’ ann,

Aig ar màthraichean –

’S iad bu mhiosa.

 

Tha sinn a-nise sìobhalta,

Nar seasamh air na rudhachan

Feuch am faic sinn na birlinnean,

’S sinn a’ glaodhach àird ar claiginn,

Ris gach tè tha ‘dol seach an Caolas’,

‘Thigibh chun na fèise,

 ‘Thigibh is lìonaibh ar sporain,

’S gheibh sibh biadh is deoch

Airson sgillinn no dhà.’

 

Bu luath a dh’ionnsaich sinn

Na beusan ùra, uasal:

Is brèagha leinne a chreach

A chumas anail na beatha

Anns an tìr.  Sin agaibh

Sìobhaltachd.

 

 

BOIDHCHEAD

 

Tha am baile seo cho cuimir an-diugh,

Na taighean cho geal, snasail,

Na gàrraidhean air an gearradh

Le ealain an ealantais,

Le cìr is ealtainn, gach ròinneag feòir

Air a sgeadachadh le mion-eòlas,

Gach clach air a peantadh às ùr,

Na seasamh gu socrach,

Gach tè air a glanadh on chòintich.

Cho snog.   Nach eil?

 

Tha am bàta plastaig air tìr,

’S cuideigin ga nighe le siaban

Air eagal ’s gum fàg sluaisreadh na mara

Làrach oirre.  Is beag leis na h-èisg

Salchar.

 

Anns an aiseirigh mhì-thamhaidh seo,

Tha a h-uile nì cho glan.

Feuch nach mill thusa sian:

Is tusa an coigreach mì-thuigseach.

 

Ach tha an caolas ag osnaich,

Ag iarraidh stoirm, rùitean mora,

Mì-rian doineannach, dorcha

A thilgeas am mol air a’ ghrinneal,

A ghearras an fheamainn,

Ga torradh air a’ chladach;

An talamh ag èigheach

Airson uisge a nì poll is eabar,

Buachair nam beothaichean mar bhrochan,   

Na cairtean ’s na h-eich ga mhaistreadh

Na ìm dubh, a chuireas blas eireachdail

Air buntàta na beatha.

 

’S na fir a’ tighinn dhachaidh

Gu na starsaichean eagach,

Gu na cabair loisgte,

Gu na teaghlaichean

Làidir, brìoghmhor,

Beò air a’ bhochdainn bheairtich.

 

Na casan mòra, neartmhor

A’ toirt an t-salchair don taigh,

Ga fhàgail air an ùrlar,

Ga shuathadh air na cathraichean,

Air na beingean ’s air na ballachan.

 

Taing do Dhia gu bheil salchar àlainn

A’ sgeadachadh an taighe seo

Fhathast.





 

 
 

CÈILIDH NAN TAIBHSEAN

 

Nuair a bhios na taibhsean a’ tadhal anns an oidhche,

Bidh cèilidh mhòr an aoibhneis againn còmhla:

Nam faiceadh sibh na daoine bhios a’ tighinn cruinn ann,

Cha chreideadh sibh an saod bhios nar còmhradh!

 

Bidh iad ann mar bha iad, fallain agus làidir,

Teàrlach is a cheann làn de bhòillich,

 Cuimhneachadh mar dh’fhàg e ’n t-eilean a bha àlainn,

A dhol don Transbhàl air a’ bhòidse.

 

Magaidh trod gu sùnndach is gun idir, idir diù aic’

Do na diùlnaich is smùid ac’ air òrain;

Na gaisgich a thug dùbhlan do dh’àrdan rag an Diùca,

B’ fheàrr leatha luaidh air an teòmachd.             

 

Eachann Òg cho bàidheil, cho ealanta le bàrdachd,

’S cho làn de chleasan dàna mar spòrsa;

Bha daonnan fiamh a’ ghàire air aghaidh laghach chàirdeil,

’S a phìob le lasag àrd innt’ an-còmhnaidh.

 

Annabel is bòrd aic’ cur thairis leis gach sòlas,

Biadh is deoch gu leòr do gach òigfhear,

I ’g aithris mar a sheòl i thar na fairge mòire

Gu machraichean eòrn’ Mhanitòba!

 

Dòmhnall ’g iomram geòla timcheall Cheann t-Sòthaidh,

’S e ag innse mar a dhòirt  an droch cheò orr’;

Calum leis a’ chompaist gan cumail ceart a’ seòladh,

’S a’ tarraing ràmh le dòrn a bha eòlach.

 

Nuair thig iad siud air chèilidh, tha gach nì cho èibhinn,

Ged b’ e ’n èiginn fhèin brìgh an sgeòile;

Cha robh iad air an lèireadh le fuachd no teas na grèine –

Am pailteas no an èis bha iad deònach.

 

Tha mhadainn anns a’ Chaolas nise dhòmhsa aognaidh,

On a thriall càirdean coibhneil na h-òige;

Ach am fois na h-oidhche, thig iad beò nam chuimhne,

Is saoilidh mi gun cluinn mi an còmhradh.



 



CIONNAS A THUIT NA CUMHACHDAICH

 

Bochdainn an t-saoghail an-dràsd’ sireadh faochaidh,

Dùthaich le ainneart a’ dol na spealgan don speur;

Peilearan oillteil le nimh agus puinnsean,

Spreaghadh is glaodhach is clann Shiria reubt’.

 

Mòr-cheannard an t-saoghail, an Camshronach aoibheil,

’S e labhairt gu coibhneil, ‘Cuirear ceart e gu gleusd’;

Le Cruise a’ bhàis aognaidh air saod le deagh chuimse,

Assad, a charaid, bheir sinne asad do ghleus.

 

‘Cha dèan sinn mìr cobhair air bochdan is lobhair,

Tha teicheadh bhon chòmhstri,’s am beatha gun fheum;

’S tha sinne ceart coma ged rachadh iad fodha,

’S ged bhiodh an Ear-Mheadhan na lasair gu lèir.

 

‘Gheibh mi fhìn agus Baraidh ar casan air sparran,

’S cha salaich sinn làmhan, fàgar sin aca fhèin;

Bidh sinne fad’ bhuapa nuair chluinneas iad fuathas,

’S an t-uamhas a’ tuiteam le ruamhar on ghrèin.’

 

Ach cha do smaointich an Gaisgeach gum falbhadh a chasan

Ann an Lùchairt na Labhairt, le crith-thalmhainn na cèill;

Bhuadhaich tùr agus reusan gun bhuille, gun bheuman,

’S thuit Ceannard an t-Saoghail anns an eabar gun spèis.

 

 

JFK

 

Lethcheud bliadhna, an duirt sibh?

Tha an oidhche ud cho soilleir leam

’S ged a b’ ann a-raoir fhèin a thachair e –

Ri taobh teine ann an Tiriodh,

An cat ga gharadh ris an teas,

A’ cur nan car ’s a’ sgaoileadh a spògan,

A’ ghaoth a’ feadaireachd san t-similear,

’S mi cho seasgair, blàth, a’ sìneadh

Mo chasan fhìn air a’ bheing.

 

Nam làimh leabhar làn de chlàran,

Reader’s Digest Great World Atlas,

Am fiosrachadh a’ taomadh às,

Ceithir ranna ruadh an domhain fam chomhair,

Tuigse an t-saoghail agam nam uchd.

 

Naidheachdan nan naoi uairean

A’ tighinn le toirm an tàirneanaich -

Gaisgeach Og an Taobh Siar

Marbh ann an grian an fheasgair,

Clàr an t-saoghail a’ spreaghadh

Ann am meadhan an t-seòmair.

 

Na peilearan ud a losgadh

Ann an Dallas, ar leinn,

Leag iad Conn Ceudchathach,

Cù Chulainn,

Fionn mac Cumhaill.

 

Bu mhòr ar caoineadh – 

Ar n-ulaidh, ar leug, ar neamhnaid,

Gràdh nam bàrd ’s nam fileadh,

An crann a b’ àirde san abhall.

Gaoid no gaiseadh cha robh ann.

 

Lethcheud bliadhna on oidhche sin,

Tha a’ chuimhne fhathast soilleir, geur,

Ach chaidh an teine às o chionn fhada,

Ghrod leabhar mòr an t-saoghail,

Sgaoil a’ ghaoth ceò neochiontach na brèige,

Agus chan eil sgeul air gaisgeach.

 

 

CLACHA-MEALLAIN

 

Dorchadas san àird an iar,

Beinn Hogh a’ dol a sealladh,

’S sinn air an t-seann rathad mu thuath:

Feumar cabhag chun a’ chladaich,

Gu fasgadh ann an sgoltadh na creige,

Daingneach aosda nam faoileag.

 

Chì mi am brat odhar a’ sgaoileadh,

Spàgan dorcha foidhe, a’ greimeachadh

Air na tonnan ’s na sgeirean ’s na h-eileanan,

Greasamul gorm an fheòir a-nise donn-dubh,

Cobhar geal ga imilich, Gunna fo cheò,

Rùitean a’ ruamhar a’ chladaich,

A’ Chlach Ùl ri faire anns an t-suaineadh:

Sruth Ghunna caillte ann am priobadh mo shùla.

 

An ‘Clansman’ aig Ceann t-Sòthaidh,

A dleasdanas dìorasach làitheil air a choilionadh,

A’ teicheadh ron làdach ri teachd.

 

Agus a-nise na peilearan, cruinn, cruaidh,

A’ frasadh gun truas, gun tròcair, gun tuisge,

Fuar, frionasach, a’ feadaireachd

’S a’ dannsa air na seann chreagan,

Creagan a tha cho coma ’s ged a bhuailinn-sa

Mo làmh bhog, bhàn orra:

Chan eil annamsa ach fuil

Is feòil is cnàmhan cugallach.

 

Deich mionaidean de dhian chogadh,

Strì shìorraidh nan siantan bunaiteach,

Gach nì dorcha, dubh, doiligheasach,

Ach an siud san àird an iar,

Lainnir an dòchais, sliseag de speur gorm.

 

Feuchaidh sinn oirnn a-rithist,

Mi fhìn ’s na coin,

Air an t-seann bhealach

Chun an t-solais.

 

 

CO-CHOMANN

 

Bat’-iasgaich a’ tumadh

Air chùl nan creag,

Na tonnan liath-ghlas

Aig toiseach foghair

 

Is mi nam sheasamh

A’ beachdachadh air iasgair

A’ tilgeil nan cliabh

Gun smuaint don mhuir.

 

Uair is uair,

Chì mi e, a’ tionndadh,

A’ togail, a’ tilgeil,

’S fear na cuibhle

A’ cumail a sròine ris a’ ghaoith

Is spriodadh mara

Geal mu guailnean.

 

Tha mise a’ dèanamh

A chuid smaointeachaidh dhàsan

Gun fhios talmhaidh eadarainn.

 

Saoil am fairich esan mise

Nam sheasamh air cladach

Corrach, cugallach,

Gun dùil ri giomach,

Ach le dòchas làidir

 As a leth-san?

 

 

CIA MHEUD?

 

Bha mi san taigh-fhaire a-nochd,

’S bha a’ choimhearsnachd gu lèir an siud,

Cuid dhiubh reòthte ann an cathraichean, balbh,

Cuid dhiubh a’ spàgail timcheall nam ballachan,

Cuid dhiubh air an tàthadh ris an ùrlar,

’S mi fhìn aig an doras, air an starsaich,

A’ gabhail beachd le iomagain,

Air udalan eadar dà bheatha. 

 

Bha mi a’ fuireach

Gus an tigeadh an corp,

’S gus an cuireamaid e sa chistidh,

Ach aon chorp chan fhaca mi.

 

An sin, nochd bhan dhubh

Le dusan ciste, ’s bhan eile

Na dèidh le dusan eile – agus thuig mi

Gum feumainn dol seachad air aon

Nam chùnntais.

 

Chaidh agam air teicheadh

An trup seo.

 

 

CALL MÀTHAR

 

Càit a bheil ur n-inntinn an-diugh

’S gun stiùir na cuimhne agaibh?

Càite idir a bheil ur cùrsa?

 

Tha fradharc anns na sùilean agaibh,

Ach tha iad gun chomas sealltainn

Air an duilleig a tha mur coinneamh,

No air an dealbh a tha mise a’ toirt dhuibh

An-dràsda fhèin de charaid air an robh sibh eòlach,

Mar nach biodh ceangal agaibh

Idir, idir, idir, air dhòigh sam bith,

Ris an t-saoghal a th’ ann no bh’ ann.

 

Càite mar sin a bheil na lathaichean a dh’fhalbh?

An do theich iad, ’s gun sgàil dhiubh air fhàgail?

A bheil sibh gan sireadh, no a bheil iad caillte

Ann an cochall falamh far an robh cuimhne

Gheur, thuigseach, ealanta, gun mheang,

Cho clis ris an dealanach,

Uaireigin an t-saoghail?

 

Ged a bhitheadh lorg orra, chan eil neart annaibh

Airson ciall a dhèanamh dhiubh.

Tha sibh nur suidhe balbh

Ann an cathair na sàmhchair,

Nur leth-chadal, le corra chlisgeadh cuirp,

Ann an ceò coimheach, fuar, fad às.

 

Ach fhathast, tha sibh ag ràdh,

Nuair a thig mi air chèilidh,

Gu bheil sibh cho toilichte m’ fhaicinnn,

Ach an còrr chan abair sibh.

Dè an seòrsa faicinn a tha ann?

Dè an seòrsa toileachais?

Dè an seòrsa aithneachaidh?

 

Cò mi?   Is cò sibhse a-nise?

Chan eil mise a’ faicinn mo mhàthar

Ach a-mhàin faileas den bhoireannach

A b’ aithne dhomh o shean

‘S i uaireigin òg, beòthail.

 

Thàinig an gadaiche seòlta ud

Agus ghoid e sibhse bhuaibh fhèin

Agus bhuamsa.  Dhrùidh e àsaibh

Spiorad an aithneachaidh,

Ach le truas brùideil a’ bhreitheanais

 Dh’fhàg e againn mar chofhurtachd

Na cnàmhan brisg agus an craiceann tana.

 

Nuair a nì ur cridhe am plosg mu dheireadh,

’S e am fuidheall truagh sin a-mhàin

A bhios sinn a’ tìodhlachadh gu sòlamaichte

Ann an gainmheach mhìn bhog Thiriodh

Os cionn osna na mara.

 

‘S fhada bhon a shiubhail

Mo mhàthair ghràdhach-sa,

Agus tha mise ga caoidh

Ged a tha i fhathast beò.
 

 





DEALACHADH

10.4.2014

 

Rinn am mart nuallan anns a’ phàirc

Am meadhan na h-ùrnaigh,

’S bha an oiteag a’ dannsa

Leis na duilleagan pàipeir,

Na flùraichean a’ crathadh

Gu h-aotrom air uachdair na ciste,

A’ ghaoth eadar na taighean

A’ sguabadh m’ fhuilt, a’ cluich

Le comharraidhean na h-aoise.

 

Saoghal mòr geal grèine

Timcheall oirnn, latha nèamhaidh,

Na sgòthan ionraic anns an adhar,

An cuan cho farsaing, gorm,

Muile air fàire, ’s a’ Bheinn Mhòr

Ri faire shìorraidh, ’s tràighean Cholla

A’ deàrrsadh air taobh eile a’ chaolais.

 

Na seann chàirdean air cruinneachadh

Air a’ mhachaire fheurach,

’S e air cruadhachadh an dèidh tuiltean

Is stoirmean a’ gheamhraidh.

A’ mhosaich mhòr seachad,

Sìth air an talamh

Car tamaill.

 

An seann taigh air ur cùlaibh,

Taigh nan iomadh cuimhneachan

A’ fàgail a bheannachd bhlàth,

Agus taigh nan iomadh aite-còmhnaidh

A’ dèanamh fiughair ribh.

 

 

SIREADH

 

Tha an taigh seo air fàs cho mòr,

Cho farsaing, cho falamh, cho balbh,

Cho sàmhach bhon a dh’fhalbh sibh,

Ged nach robh sibh ann tric

Anns na bliadhnachan bliana ud

Mu dheireadh.

 

Ach fhathast bha ur spiorad ann,

Ur làthaireachd, ur faireachdainnean

A’ lìonadh dhomhsa gach uair,

De gach latha, de gach seachdain,

’S bu bhrìoghmhor ur companas

Ged nach fhaicinn sibh

Ach mar fhear-tadhail

Gach feasgar.

 

Tha falamhachd neònach

Nam inntinn cuideachd,

Toll ann am balla mo smuaintean,

Ceò air sealladh mo mheanmna,

’S solas beag biorach mo chuimhne

 A’ sìor shireadh anns an dorchadas

Fiamh a’ ghàire air ur n-aodann

Nuair a chìtheadh sibh mi

Air an starsaich.

 

 

 

DON FHEADHAINN NACH DO THILL

(Mar chuimhneachan air m’ athair)

 

Nuair a dh’fhalbh sibh ‘null thar chuantan’,

Athair is màthair ’s an còrr den teaghlach,

Dh’fhàg sibh an gille beag leis fhèin,

Gun athair, gun mhàthair ri thaobh,

Ach seanair is seanmhair.

Agus a rèir choltais bha iadsan

Gu math na bu choibhneile

Na bha sibhse:

Thog iad an gille beag,

Agus thog esan iadsan,

Gach uair a thuit iad

Le cudthrom na h-aoise,

Agus chuir e iad

Anns na cisteachan.

 

Fhritheal e air an ath ghinealach,

A’ cur a’ bhuntàta, a’ choirce, an eòrna,

Gach bàrr is bathair a dh’fheumte,

Gan togail ’s gan leagail,

Gan cur is gan caithris,

Gun smuaint air fhèin,

Ach a-mhàin a bhith dìleas

Don ghairm leis an do ghairmeadh e,

Agus cha b’ e gairm talmhaidh

Saoghalta suarach

A bha ga bhuaireadh.

 

Chuala sibhse an gairm eile:

Dh’fhalbh sibhse, ’s cha do thill;

Dh’fhan esan, ’s cha d’fhàg,

Gus an d’fhag an anail e

’S e air a chlaoidh

Leis an spàirn a thug sibhse dha

Mar dhìleab às leth ur teaghlaich.

 

‘Fhuair mise a’ chuid a b’fheàrr dheth’ –

B’ e sin a bhinn thròcaireach orrasan

A rinn dìlleachdan dheth air sgàth

Turas-cuain a’ bheairteis

Nach do lorg iad.

 




LAINNIR

 

Doilleireachd air a’ chladh,

M’ inntinn dorcha fo bhrat sgàile:

Mo cheum trom aig gach clach,

’S mi cràiteach aig leac mo phàrant:

 

An dithis a thug gràdh dhomh òg,

’S a bha beòthail coibhneil, càirdeil,

An-diugh, tha an cuirp gun deò,

’S an anaman ri ceòl sna h-Àirdean:

 

 Ach seall an lainnir air a’ chuan,

’S drithleann uasal tuinn na tràghad:

A’ Bheinn Mhòr a’dèanamh luaidh

Air latha na mòr-bhuaidh air fàire:

 

An long bheag a phàisg gach seòl,

Bidh i deònach triall thar sàile,

Nuair a thogar sgàil nan sgòth,

’S a dh’fhògrar doilleireachd an dàin seo.

 

 





CLADH NAM BEÒ

 

Anns an t-seann chladh seo,

Tha an talamh cho corrach,

An riasg ’s na cuiseagan cho tiugh,

Na tomain cho toinnte, teann,

’S gu bheil iad am brath mo leagail,

’S mura bi mi faiceallach,

Tuitidh mi fhìn am measg nan uaighean,

’S bheir a’ chlach mhòr chugallach ud thall

Gleadhair mairbhteach dhomh air mo mhalaidh.

 

Tha i cho dian na dòigh, cho dùr, dùbhlannach,

A’ strì ris na siantan fad ceud bliadhna is còrr,

Agus tuigidh ise feòil bhog bhàn

Nuair a chì i a leithid a’ sporghail

Le ceum trom da h-ionnsaigh.

 

Chan ionann ’s a coimhearsnaich, ged tha:

Cuid dhiùbhsan cho spaideil, moiteil:

Seall an tè ud, ’s a gàirdeannan sinte a-mach,

A’ cur fàilte orm mar charaid,

Fiamh a’ ghàire air a h-aodann cruinn,

Fleasg solais ma ceann,

Crois Cheilteach rìomhach,

Ròlaisteach. ‘Abair latha math

Againn an seo. Eisd ris na h-eòin.’

 

An t-seann tè ud eile cho còmhnard,

Tè nach tuit gu bràth,

’S casan-bùird aig gach ceann dhith,

A’ toirt cuireadh dhomh air feasgar earraich,

‘Thig agus laigh còmhla riumsa,

’S mi am shìneadh an seo

O thoiseach an t-saoghail,

A’ fuireach riutsa, mar a dh’fhuirich mi

Ri iomadh neach eile fad mo bheatha,

Gus an tigeadh iad, a ghabhail fois

A leigeil analach, a thoirt dhomh naidheachd.

Eil dad às ùr agad?’

 

Seall an tè bheag ud a’ dearrsadh

Thall air an iomall, mar chaileag,

Air a sgeadachadh ann am maise na h-òige,

Fhathast glan, a h-aghaidh mhin chuimir

Gam bheò-ghlacadh, ag innse

Cho diombuan, cho sìorraidh

’S a tha a beatha. Tha a guth ciùin,

Mar gun robh i ag iarraidh orm

Dol a chluich còmhla rithe

Ann an ciaradh an latha.

 

An tè mhòr mhàsach ud eile,

’S i a’ claonadh anns an stoirm,

Beag air bheag a’ dol air a cliathaich,

A’ teannadh ris an ùir, a’ dìosgail anns an riasg,

Ag ochanaich, a’ pìochanaich, a’ spàgail,

A’ leigeil a cudthrom air a’ phloc ghorm,

A’ leigeil seachad, beag air bheag,

Ag iarraidh mo thaic aig a h-uilinn,

‘Ille, fan mionaid, ’s cuidich mi,

’S mi an ìmpis tuiteam.

Thoir dhomh do ghàirdean.

 

‘Seall ise, a thuit a o chionn fhada,

Cha leugh thu a h-ainm…a leugh?

MacFhionghain, an tuirt thu?

Agus anns a’ Ghàidhlig cuideachd?

’S ann agad a tha na sùilean,

’S gach litir air a lìomhadh lom,

’S uiread a chòinteach ga còmhdach.

Thig a-nall an seo, gus am faigh mise

Beagan ded threòir mus tèid mi fhìn

As an t-sealladh.’

 

Cladh?  Mas e sin a th’ ann an Circeabol,

Chan e sàmhchair a tha fa-near dha:

Tha e nas coltaiche ri taigh-cèilidh.

Tha cùisean a’ fàs cunnartach

Nuair a bhios na clachan-cinn a’ labhairt. 

Fanaibh gus an tèid iad a sheinn!

 

LITRICHEAN CLOICHE

 

Bha mi anns a’ chladh a-rithist a-raoir,

Agus nuair a chaidh mi a leughadh nan clach –

Cleas a th’ agam nas trice a-nise –

Ghabh mi ioghnadh:

 

Bha mi eòlach air an sgrìobhadh,

Agus air an stoidhle,

Agus air a’ chlò,

Agus thuig mi

Am meadhan m’ aisling

Gur ann sa chladh

Agam fhìn

A bha mi.

 

Chan fhada

Gus an tuit

Na clachan ud

Leis an stoirm

Còmhla ris a’ chòrr.

 

Tha mi taingeil

Nach bi mise

Fodhpa.

 

 
 

 


 
 
COIMHEARSNACHD

 

Chan eil sian ga chleith anns a’ bhaile seo,

Co-luadar càirdeil mu na dorsan fosgailte,

Coimhearsnaich aig ursainnean a chèile,

Beò air na starsaichean, coma cò ’n tè,

Na taighean creadha a’ spreaghadh gu fonnmhor

Le ùpraid mhòr an latha,

Càbaraid is connspaid,

Còmhradh is cagarsaich,

Fios is fathann a’ dol o bheul gu beul,

Cearcan a’ sporghail anns an ùir,

An stùr ruadh mìn ag èirigh don speur,

Coileach le sprogan dearg a’ gairm,

Gobhraichean a’ bocail air na dùnain,

Oirceannan a’ sgiamhail fo na craobhan,

Asail shòlaimaichte ceangailte ri cabar,

Clann a’ cleasachd le ball-breabaidh,

Is fir a’ cladhach dìge le fallas am beatha

Ann an teas na tiormachd.

 


Ann an seo ann an sgàil a’ bhothain,

’S na h-iseanan a’ cluich mum chasan,

Tha mi balbh, gun chomas gluasad,

Is sgeulachd mun Fhear Mhòr à Breatainn

A’ sruthadh bho bhilean siùbhlach seanchaidh

’S e a’ teannadh gu frogail ris a’ cheud.

 

Chan eil mi a’ tuigsinn facal,

Ach tha gach dealbh a’ tighinn

Mar shnàithlean às a bheul,

A chorp a’ toinneamh, a làmhan a’ snìomh,

Beairt nam briathran a’ fighe

Cur is dlùth gach euchd is gnìomh.

 

Tha ar craicinn eadar-dhealaichte,

Ar n-aodach de chaochladh gnè,

Ach tha mi air mo chòmhdach

Sa bhreacan ioma-dhathach aigesan,

Air mo sgeadachadh ann an trusgan

Tuigse dhomhain ar co-chomainn,

Nach fhaic sùil, ach a ghluaiseas cridhe:

An trusgan a chuir mi am falach

Nuair a leig mi dhìom a bhith nam bhalach,

Agus a chuir mi cùl ris a’ bhaile seo

Anns an dùthaich agam fhìn.

Saoilidh mi gun do thill

Am Mac Stròdhail dhachaidh

Gu seann choimhearsnachd a shinnsirean

Ann an grian dheàlrach Ghàna.

 

Bidh sinn a’ marbhadh an laoigh bhiadhte

Mus bi an latha seachad.

 

 





MNATHAN NAM MIASAN

 

Bha na mnathan ud nan annas dhomh,

Cuinneagan mòra is miasan air an cinn,

A’ coiseachd gu cinnteach air cabhsairean

Far an robh an talamh tartmhor teth

Ag iarraidh deoch, ’s ràth an t-silidh an Gàna

Fada gun tighinn ann am meadhan a’ phathaidh.

 

Thàinig i siud a throd mun turadh,

Mar gum b’ urrainn dhòmhsa an speur atharrachadh

Bho theas na tiormachd gu taisealachd choibhneil,

A bheireadh dhith a’ chuing ud, an dubh thràilleachd

A’ bha ga sàrachadh gun tròcair, gun diù.

 

Beag is mòr, bha iad ann, a’ dol gu tobar,

A’ sireadh uisge na beatha ann am meadhan an fhàsaich,

’S a’ tilleadh nan sreathan dathte, dìreach,

Cho uasal, dreachmhor am meadhan na gainmhich.

 

Cho annasach leam, gus am faca mi cliabh-mhòna

Air a luchdachadh air druim caillich,

’S i a’ dol ris an leathad, ’s tè eile a’ giùlan

An sgadain ga sgoltadh, ’s tè eile a’ falbh

Le poca-bolla air a gualainn a bhiathadh nan cearcan –

Agus mi fhìn nam bhalach a’ dol na cois.

 

Nach olc an rud an dìochuimhn?

Nach eagallach an rud an tuigse

Nach fhaic ach an t-annas?

Chan ioghnadh ged a rachainn fhìn

A throd mun tiormachd.

’S ann a tha sinn airidh air tuil.

 








DOMHNALL MAC AN DEOIR

Nach maireann

 

A Dhòmhnaill Mhòir Mhic an Deòir,

Nam biodh do long-sa fo sheòl,

Cha bhiodh sinne gun treòir nar n-èiginn.

 

Bhiodh tu ga stiùireadh le eòl

Gu caladh cinnteach ar deòin,

Ged bhiodh muir agus neòil dèistneach.

 

Bu tu fear curanta mòr

Bha fiosrach nad dhòigh;

Chan fhaighte do sheòrs’ gun treuntas.

 

Sheas thu dìreach is còir

As leth Albainn le pròis,

A’ toirt cothrom da slòigh le èifeachd.

 

Bu chridheil d’aigne ’s do cheòl

Nuair a thug thu do bhòid

Gum biodh Pàrlamaid chòir an Dùn Eideann.

 

B’ e siud tonn-bhàthte gun dòigh

A sguab thu far bhòrd,

’S a mharbh thu le mòid lèirsgrios.

 

Nam biodh tusa nar còir

An-diugh ’s sinn sa cheò,

Bhiodh do thaic is do threòir feumail.

 

Tha mise fhathast fo bhròn

‘S mi gad ionndrainn gach lò –

A Dhòmhnaill ghasda bha mòr nad lèirsinn. 

 


 

COMHAIRLE, COMHAIRLE….

 

Tha ceud is mìle comhairle

An-diugh air feadh na tìr:

Tha ceud is mìle comhairle,

Ach ’s beag gu dearbh am brìgh!

 

Nan tuigeamaid gach comhairle

A fhuair sinn feadh gach linn,

’N e gliocas no dearg ghòraiche

Bhiodh cur tòc nar cinn?

 

Cò idir a bheir comhairle

Air luchd-comhairle ar tir?

A bheil iad dad nas eòlaiche

Na tha gu leòr dhinn fhìn?

 

’Sna h-eileanan tha comhairle,

’S air tir-mòr tha dhà no trì:

Tha tè a bhios a’ Bòideachadh

Gun mòran tuigs’ mu nì.

 

Tha Ghàidhlig làn de chomhairlean,

’S gach aon a’ toirt am binn

Ann an dòighean eadar-dhealaichte

’S le iomadh osnadh sgìth.

 

Comann ris na comhairlean,

Seachnaibh air sgàth sìth:

Coma leam na comhairlean –

Ged nach comhairlich’ mi fhìn!

 






FEAR NA TROMPAID

 

Seinnidh mi mo thrompaid, gu làidir is gu fonnmhor,

O seinnidh mi mo thrompaid le sòlas,

Gus an cluinn na slòighean nach eil mise gòrach –

’S bàrr na bròige dhaibhs’ ris nach còrd mi!

 

Tha ceangal a’m ri Leòdhas is tadhlaidh mi le leòm ann,

’S silidh mi mo dheòir anns an t-seòmar,

Far an robh na h-òige mo mhàthair a bha deònach

Dol do Thìr an Oir seach bhith brònach.

 

Tha m’ aigne air a lìonadh le urram dhi tha brìoghmhor,

Is nì mi rud as fhiach le mo stòras:

Gheibh mi caman sgiamhach is cnapag shnasail lìomhte,

Is sgiathaidh mi do dh’Albainn gu dòigheil.

 

Tha itealan tha glòrmhor deiseil dhomh an-còmhnaidh,

’S i sgeadaichte le sògh ann an òrdan;

Tha mo phròis a’ seòladh os cionn beanntan Leòdhais,

’S mi sealltainn orra sìos tro na sgòthan.

 

Nì mi beagan fuadaich air daoine san taobh tuathach,

Gus an rèitich mi àit’ uasal son spòrsa,

Raon sam bi na h-uaislean a’ bualadh bhall le suaimhneas,

Gan amas air na tuill bheaga bhòidheach!

 

Bidh mire feadh na tìre nuair a nì mi cìnnteach

Gum faic iad gach nì a bheir m’ òr dhaibh:

Tha ’m Bradan ’g iarraidh sìnteas bhios gu leas na sgìre,

’S cha chuir e idir stad air mo sheòrsa!

 

Togaidh mi taigh-òsda a bhios na adhbhar ceòl dhaibh,

Seach tobhtachan grod an luchd-còmhnaidh,

Cuartaichte le lòintean is pàircean àlainn òirdheirc,

Le sealladh mòr gu Niribhidh gun cheò ann.

 

Ach, O, mo chreach-sa thàinig, dè tha siud air fàire?

Na cruinn-ghaoithe ghrànda – mo dhòlas!

Mura faic mo chàirdean sealladh gun aon sgàil air,

Cha chuir iad idir fàrdain nam phòcaid!

 

Am Bradan ud tha dalma, bheir mi air am marbhadh,

Gach cealgair’ a ruaig às mo chòir-sa:

’S mise a tha riaghladh a-nis air feadh na tìr’ seo,

‘S feumaidh e bha sìnte rim òrdan-s’.

 

Chan eil idir creutair nì bacadh air mo ghrèim-sa,

Is leamsa an speur is na sgòthan!

Anail tha nan creubhaig, chan fhaigh iad cead a sèideadh,

Mur’ dèan iad siud am bèic do mo mhòrachd-s’!

 

Mura faigh mi m’ iarrtas, teichidh mi le mì-thlachd,

’S gheibh mi spiris ghrinn son mo phròise;

’S nì mi gu math cinnteach gum bi mi fhìn a’ riaghladh

Nam Rìgh air Tìr Shiar ud an Dòchais!

 


 

ÙRNAIGH ANNS AN FHÀSACH

 

Sheòl ur n-athraichean a-null
 
Anns na longan beaga beannaichte

An tòir air saorsa, agus fhuair iadsan sin:

Saorsa adhraidh, saorsa aidmheil,

Saorsa bhon chuing a bha gan sgiùrsadh:

Ann an coilionadh na h-aimsir,

Rinn iad ar-amach air an t-seann mhàthair,

Agus bu bhuidhe dhaibhsan

 A bhuannaich.

 

Chunnaic an clann anns an fheasgar

A’ ghrian a’ dol fodha air taobh thall

Nam beann, agus a-mach a ghabh

Ginealach an dèidh ginealaich,

A’ cur nan tìrean fodhpa fhèin,

A’ ceannsachadh nan cuantan,

A’ goid an saorsa bho dhaoine eile,

Gan sgiùrsadh gu iomallan uaigneach

Far nach cuireadh an droch dhòigh

Dragh air sìobhaltachd smachdail

Na h-ìmpireachd ùir.

 

Ann an eaglais fhiodha anns an fhàsach,

Fo sgàil na creige anns an tìr airtnealaich,

Ann an cùbaid na dìochuimhn’,

Fo bhratach na h-ìmpireachd,

Tha tamhasg fear-teagaisg

A thàinig a-nall le Teachdaireachd

Fhathast a’ searmonachadh,

Agus tha ùrnaigh eudmhor,

Choibhneil, chàirdeil, chiùin,

Air a bhilean:

 

‘A Dhe ghràsmhoir, cuidich leinne

A bhios a’ dìochuimhneachadh nan tìodhlacan

 A dheònaich dhuinn an Triath:

Thoir dhuinn sealladh soilleir

Air an t-sail a tha nar sùil fhìn,

Mus bi sinn a’ gearan

Mun spiligean ann an sùil neach eile:

Deònaich cuideachd gun tuig sinne

Gu bheil crìoch eadar saorsa is daorsa,

Eadar smachd is toil.

 

‘Ma rinn sinne òraidean mòra labhrach,

Cuir nar cuimhne ann an guth ìosal

Nach do chùm sinn ris na h-òraidean mòra,

Agus gun do chaill sinne ar saorsa

Ann an dùthaich na saorsa:

Gun deachadh air n-itean a ghearradh,

Ar dòchas a chasg,

Ar cridhe a bhristeadh,

Ar rùintean a thoirmisg,

Ar bruadar uasal a thilgeil

Na spriodrach aig ar casan.

 

‘Cuir nar cuimhne cuideachd

Cho tric ’s a bhios sinne

A’ dìochuimhneachadh gu toileach

Gun tug thusa ar treud

À taigh na daorsa,

Tron Mhuir Ruadh,

Gu Tìr a’ Gheallaidh.

 

‘Air Latha na Taingealachd

Deònaich gum bi sinne

Gu taingeil a’ tuigsnn

Gu bheil daoine eile ann

A bharrachd òirnn fhìn,

Agus gum b’fheàrr le cuid leòsan

A bhith beò nan saorsa fhèin

Seach a bhith beò

Fo ar smachd-ne.

 

‘Thoir dhuinn tomhas beag

De dh’irioslachd,

Agus fuadaich bhuam fhìn

An t-àrdan.

  

‘Maith dhuinn ar peacaidhean uile,

Oir is lìonmhor iad,

An ainm agus air sgàth Chrìosd.

Amen.’

 


MAR URRAM AIR AN ‘ALMANAC’

 

Tha rud-éigin cho brosnachail,

Cho luma làn de structaran,

Cho buileach pròiseact phoballach,

Le innleachd anns gach leasachadh,

 

Ann an duilleagan an ‘Almanac’,

Gàidhlig bhramach Shacsannac,

Mar chanál salach làn de shupermarket

Trolleys dol a ghlagadaich.

 

O, ’s toil leam fhìn cho Teasco-ach

’S a tha a’ Ghaidhlig mhargadach:

Feuch nach can sibh sgainneal ris –

Chan eil am poileasaidh sin ceadaichte.

 

Ach nì sinn fhathast iomairt ann

Gus an canál a sgioblachadh:

Bheir Bóred na Gàidhlig tasdan dhuinn,

Is sgrìobhaidh sinne artacail…

 

O sgrìobhaidh, sgrìobhaidh,

Son nam meadhanan….

Ged nach tuigeadh duine facal…

 

Eabair thusa bàrdachd.

 

 

FEAR NAM BLÀR

 

Bu mhath an t-ainm a fhuair am Blàrach;

Fear nam Blàr a bh’ ann gu dearbh;

Dol a chogadh thall thar sàile –

B’ esan a dh’fhàg mise searbh:

Tha Iraq na adhbhar tàmailt

Do gach neach le gràdh gun chearb,

Leis gach spreaghadh tha san là seo

Cur ri àireamh mhòr nam marbh.

 

‘Creidibh mise’, thuirt an diùlnach,

‘Tha armachd sgriosail, sgiùrsail thall;

Glacaidh sinn an Trusdair Brùideil,

‘S sgriosaidh sinn a h-uile ball

Den inneal lèirsgrios leis an ciùrr e

Gach neach nach diù leis, luath no mall,

’S bidh an sluagh a’ seinn gu sùnndach

Nuair bheir sinne fuasgladh dhaibh.’

 

Chaidh e fhèin is Fear na Preasa

Ann an cagarsaich mun chùis,

’S bha gach ceum den Adhbhar Bheannaicht’

Aca deas am beagan ùin’;

Cha robh ann ach ‘Creidibh, creidibh’,

Ged nach robh an teistneas dlùth:

‘Bidh an lèirsgrios mu ur ceannaibh,

 Mura tog sinn oirnn le sùnnd.’

 

Mach a ghabh iad siud don fhàsach,

’S chaidh iad fodha chun na glùin,

Ann an gainneimh mhìn gan sàrach’,

Saighdearan le blàths gam mùch’:

Chaidh na rocaidean a chàradh

Gu Baghdad a’ togail smùid,

Lasraichean a’ lasadh fàire,

Cur a’ bhaile àil’ na smùr.

 

Cha b’ e mhàin Iraq a reubadh,

Ach gach fear is tè gun iùl

Air an cur fo chìs na h-èiginn,

 ’S iad le eagal trèig’ na dùthch’;

Dìleab bhàsmhor ghrod as lèir dhuinn

A h-uile là le beum às ùr,

Aimhreit shearbh am measg nan treubhan,

Is Al Qaida air an stiùir.

 

Sin dhuibh dìleab bhrèagh’ a’ Bhlàraich,

Fear nam Blàr a rinn an sgiùrs’,

Fosgladh chothroman don nàmhaid,

Nàmhaid roimh’ nach fhaca sùil:

Daibhidh Cealaigh, b’ e an sàr-fhear

Thuig nach robh mìr stàth sa chùis,

Tha esan cuideachd fuar is sàmhach,

Pàisgt’ gun anail anns an ùir.

 

 

CUMHA NIC AN TUGHADAIR

 

Bidh cuid dhinn a’ caoidh,

’S cuid eile fo aoibh,

Leis an naidheachd gun d’ aog i fhèin.

 

Tè an ardain gun taobh

Ach ri airgead is maoin,

Is cìsean air daoin’ ‘gun fheum’.

 

Chuir i ruaig air gach laoch

Nach robh leatha an gaol,

Is nach toireadh ard-adhraidh don Tè.

 

Thug i Artair air splaoid,

Cosg gach sgillinn gu faoin,

’S an gual anns an t-saoghal gun spèis.

 

Am Malivinas nan gaoth,

Chaidh i shabaid le saod,

A’ cur casg air gach ‘daoi’ ach i fhèin.

 

An tè ud nach aom,

Nach gluais ach aon taobh,

Measaidh i gràin no mòr ghaol da rèir.

 

Ach thèid i nise fon aol,

’S cha tiUnndaidh i chaoidh –

Gheibh i chìs aig gach aon sa chrèidh.

 

7.4.2013

 

 

 

KAY NICMHATHAIN

Nach maireann

 

An-dè thainig an sgeul

Gun do chaill sinn an seud,

Kay NicMhathain nam beus uasal.

 

Tè bu mhacanta gnè,

Bha socrach na mèinn,

Bho nach cluinnte an gleus buadhmhor,

 

Nach robh idir ag èigh,

Ach grinn agus rèidh,

Cur na Gàidhlig an cèill le suairceas.

 

Cha b’ e trompaid le beuc

No àrdan ga sèid’,

A dh’ innseadh a h-euchd luachmhor;

 

Ach bilean cuimir nach geur,

Nach togadh a’ bhreug,

Aodann àlainn bha sèimh, snuadhmhor;

 

Ged bu làidir a ceum

Toirt na Cloich às a stèidh,

Air slighe bha treun ga fuasgladh.

 

Thog i bhratach gun bheum

Gu h-àrd anns an speur –

Crann Alba le spèis don dualchas.

 

Tha Inbhir Asdail fo neul,

’S tha cumha nar gleus,

Bhon a chaill sin an leug chuannar;

 

Ged bhios Lia Fàil ann am pèin,

Cha seo deireadh na rèis;

Bidh eisimpleir Khay a’ buannachd.

 

9.7.2013

 

 

FEASGAR SÀBAID

 

Feasgar Sàbaid àlainn

Anns an Eilean Sgitheanach,

Sinn air ar cruinnneachadh

Ann an Taigh-sgoil an Dùnain:

Ministear an t-Sratha

Air cheann na seribhis,

Is balach beag luasganach

Le Gàidhlig ga èisdeachd.

 

An guth Uibhisteach cho binn,

Blàths anns gach facal,

Am Facal a’ seòladh dìreach

Gu caladh nan cridheachan

Air sruthan suaimhneach nan Salm.

 

Agus tron uinneig, an caol

Faileasach, fad-sgàileach,

Socrach, sìtheil, sèimh,

A’ tàladh a’ bhalaich bhig

A dhol a-nùll thar Iòrdain

A dh’ionnsaigh Tìr a’ Gheallaidh

Ann an Scalpaigh.

 

Am fonn ‘Evan’ mar dhùnadh,

A’ toirt na seirbhis gu crìoch,

Ach a’ fosgladh geata mòr, farsaing

Port na sìorraidheachd thall thar fàire,

Agus sinn a’ seòladh

Air muir-làn:

 

Iomram ceòlmhor nan ràmhaichean

Ann an iùbhrach Taigh-sgoil an Dùnain 

Chan fhàg am buille milis aca m’ anam,

Gus an latha a ghabhas mi fhìn

An t-aiseag deireannach

Far a’ chaoil.

 

 

FEIS-CHIUIL THIRIODH

 

Nam chadal sa ghàrradh gu srannrach an-dè,

Gun tàinig thugam fuaim làidir a-nuas às an speur;

Còmhlain is Ceòlraidh a’ togail an gleus –

Dà cheud mìle bhuam ann an Eilean na Fèis!

 

Bha gach druma a’ bualadh le buille bha mòr,

Gach feadan is trompaid a’ fosgladh am beòil;

Gun cluinnte an t-sraighlich na thàirnean fon sgòth –

Mar Chath Armageddon ga iomairt le deòin.

 

Bha an t-Eilean bha Iosal a-nise a’ leum

Gus am faicte Beinn Haoidhnis air an astar gu rèidh;

Bha Ball Beag a’ Gholf a’ deàrrsadh sa ghrèin,

’S e cur charan gu snasail is Mànran ri sèisd!

 

Bha ceòl na Sgeir Mhòir a’ cur luasgadh sa chuan,

Tsunami binn àlainn a’ bristeadh mo chluais;

Gach muc-mhara is cearban ri marcachd nan stuagh,

’S am fallas gan dalladh – b’ e sin ceò a bha buan!

 

Chan fhaiceadh am maraiche astar a shròin

Anns an t-sìoban bha siabadh bho earball gach ròin;

An fhaoileag gu h-aoibhneil a’ danns’ leis a’ chòrr’,

Agus Gille Brìghde le ribheid cumail tìm ris na seòid!

 

Air machair na Ruighe bha an crodh dol à rian,

Agus Mathan Mòr Donn toirt ceòl às am bian;

Aon slìobadh le spògan is thogadh iad sgriach –

Cha b’ e nuallan a bh’ aca, ach fonn a bha brèagh’!

 

Bha gach Fidheall bha Laiste ruag dorchadas oidhch’,

Gach gleus gum bu lèir dhut, ged nach biodh agad soills’;

Bha gach bodach is cailleach, le lòinidh nam buill,

A’ fàgail na cagailt ’s a’ dèanamh steapaichean gruinn!

 

Ars’ an Dotair còir Holliday, ‘’S e sòlas dhomh a th’ ann

Gun d’fhuair iad siud fradharc is comas nam ball;

Bean Sheumais Ruaidh, tè bha cuagach is dall –

Gun do land i am Barraidh nuair chaidh i a dhanns’!’

 

Bha Sgibinnis ealant’, sin an cleachdadh bu dual,

Làmh Aonghais air bocsa, ’s pìob aige na ghruaidh;

Bha Flòraidh a’ ruidhleadh gus an do ràinig i I,

Leis cho beòthail ’s bha ’n ceòl ac’ an Eilean Thirìdh!

 

Na sìthichean beaga, theich a-mach às an t-sìdh,

Ag èigheach, ‘Nach stad sibh bho bhriseadh na sìth!

Tha sinne fon talamh, agus glè fhada shìos,

Ach chan fhaigh sinn a chadal le faram nam pìob!’

 

Cha robh oisean san eilean far nach fhaicte an sluagh;

Na taighean-òsda cur thairis, agus teantaichean shuas;

Bha CalMac a’ tachdadh leis na bh’aca rin gluas’d,

An Lean-To air tràghadh, gun sian rachadh sa chuaich!

 

An ceòl ud san iarmailt, cha robh leithid againn riamh;

Ged as ìosal an t-eilean, is brìoghmhor a sgiamh;

Bidh an t-Eilean nis ainmeil fad iomadach bliadhn’ –

Ma mhaireas an talamh, ’s nach tèid an Fhèis às a ciall!



 

GAVIN

Mar chuimhneachan air an Dr Gavin Wallace, nach maireann.

 


Bha ealain nàdarra dhut, a Ghavin,

Fuaighte nad fhèithean,

Anail beatha,

Plosg cridhe,

Crathadh làimhe,

Togail cinn,

Sealladh sùla,

Toradh inntinn,

Dannsa a’ mhic-mheanmna,

Sgrìob pinn air pàipear,

Leabhraichean lasrach,

Alba ga cruthachadh gu h-ealanta,

Alba nan Gaidheal ’s nan Gall,

Fada mus do chruthaicheadh

Alba Chruthachail.

 

B’ e cruthaidhear a bha annad

Nad dhòighean iriosal, talmhaidh fhèin,

’S tu a’ faicinn gu geur tron chiad cheò

Saoghal a dh’fhaodadh tighinn gu bith,

Nam biodh an cothrom ann,

Ur-sgeul nach cualas

Agus nach fhacas roimhe;

Agus chruthaich thu na cothroman,

A’ snìomh bogha-frois dhaibhsan

A bha deònach coiseachd còmhla riut

Air slighe chorrach, àlainn a’ chruthachaidh

Gus an ruigeamaid le chèile

An t-òr a bha falaichte.

 

Thàinig tuil mhosach oirnn,

Agus sguab i thusa às an t-sealladh,

Ach ’s ann an uair sin

A chunnaic sinne,

Crochte os cionn nan sgòthan,

Maise do bhogha-frois

Fhathast a’ crioslachadh

Ar speur.

 

22.8.2013.

 

 

 

IAIN FEARCHAR ROTHACH

Nach maireann

 

Bu chinnteach ur ceum

Air mullach gach slèibh,

Iain Fhearchair nam beus uasal.

 

Sibh sgeadaicht’ san fhèil’,

Mar dhealbh air ur spèis

Don teanga ’s don fhrèimh dualchais,

 

Thainig thugaibh le cèill

Is tuigse da rèir,

Mar aiteal na grèin’ air Cruachan.

 

Sheas sibh daingeann is treun

Am meadhan gach streup,

’S cha bhuaileadh sibh beum uamhais.

 

Cha b’ e leantail an treud

Air sgath ur maith fhèin

Bha agaibhs’ mar chreud gluasad;

 

Ach gu soilleir ’s gu geur

Le rùn dìleas mar leug,

B’ e fìrinn thug stèidh dur cnuasachd.

 

Mar oiteag nan speur,

Chluinnt’ ur guth rèidh,

Gàidhlig ghlan cur an cèill fuasglaidh.

 

Duin’-uasal nur gnè,

Gàidheal laghach sèimh,

Bu taiceil ur gleus sa chruadal.

 

Bidh mòr-shileadh dheur

An Gleann Seile an fhèidh,

Bhon theasd am fear gleusda, buadhmhor.

 

Chaidh aiteal ur grèin’

Fo sgòth anns an speur,

’S cha chinnteach ar ceum bhon uair seo.

 
 




 



IONNDRAINN BAIRD

 

Air oidhche na h-imrich, Iain,

‘S grian an fheasgair a’ dol fodha

Gu dearg-theinnteach sa àird an iar,

Sheòl thu air ‘Economy’ nam brèid geala,

‘S ghabh thu seachad air eilean d’ òige.

Bha do shealladh thar Ghunna

Gu Muile nam mòr-bheann,

’S air eilean Cholla thar an t-srutha

Bhon Urabhaig mhachrach, chlachach

Ann an eilean do dhùthchais.

 

Seo mise gad fhaicinn nam inntinn,

’S tu aig a cliathaich, a’ sìor amharc,

Gus an do dh’fhairtlich air do shùilean

Cnoc MhicDhùghaill ’s an seann taigh

A thogail air fàire, ’s na deòir a’ sruthadh,

An dealachadh mòr, deireannach sin,

An sgaradh eadar dà shaoghal,

A’ leudachadh, ge b’ oil leat.

 

Bha do chùrsa leagte,

Do cheann-uidhe cinnteach

Ach bu luaineach a’ mhuir

Fo dhruim do luinge,

’S an cridhe a’ tulgadh

Fa chomhair nan coilltean gruamach.

 

An-diugh tha mise cuideachd a’ feuchainn

Ri Cnoc MhicDhùghaill a lorg air astar,

Dà cheud bliadhna an dèidh dhutsa triall,

Agus bunaitean an t-seann taigh ud fhaicinn

Anns an fheur bhog, bhrìoghmhor

A tha a-nise a’ còmhdach nead d’ òige,

Far an robh stèidh do bheatha,

Far an cluinnte na h-òrain,

Far an robh na clachan cuimir

A’ cur dìon ort bhon onfhadh,

’S ag altram do bhàrdachd.

 

Chan fhaca mi sian idir,

Tobhta no làrach,

Ach caoraich ag ionaltradh,

Curracag na h-aonar

Ag èirigh air an oiteig

Thall mun Mhìodar,

Fadadh-cruaidh eireachdail,

Ioma-dhathach air cearcall mòr a’ chuain,

’S am bat’-aiseig cumhachdach

A’ seòladh gu Barraidh.
 




 
Ghabh Linda Gowans an dealbh eireachdail seo de Lachainn Domhnallach a Hiort
anns a' Ghearran 1984 na dhachaigh ann an Glenn Nibheis.   Tha e aig a' chuibhill
a thug a mhathair agus e fhein leotha a Hiort ann an 1930.  (Coir: Linda Gowans)

 

LACHAINN HIORTACH

 

Nach annasach mar a thachras, a Lachainn!

Nuair a bha mi a’ rèiteach na lobhta,

Thàinig sibh thugam gu soilleir,

’S ged nach do choinnich sinn riamh,

Fhathast mhionnaichinn gun robh sibhse

Ann an seo rim thaobh; sibh cho èasgaidh nur dòigh,

Cho socrach sìtheil, cho gnìomhach,

A’ tilleadh gach samhradh a chur dìon air an t-seann taigh,

Gus nach robh tilleadh ann tuilleadh, no taigh,

Gach nì air a chagnadh aig gaillinn is geamhradh,

Gus nach robh agaibh ach turas corra uair,

A chumail cuimhne air mar a bha.

 

B’ ann ann a Hiort a thàinig sibh thugam

An toiseach, nuair a bha mi a’ coiseachd

Tron bhaile, ’s na tobhtachan uile beò

Le taibhsean nach d’ fhairich duine ach mi fhìn,

’S an t-eagal orm gun robh mi a’ sgrios na sìthe

Bheannaichte, bhàidheil a bha fhathast

Anns na fàrdaichean fosgailte ud

Nach robh idir, idir falamh.

 

Agus chì mi sibh an ceartuair,

‘S sibh a’ dol le ceum socrach

Chun na seann dachaigh, gun droch fhacal,

Gun dad ach naidheachd ghrinn

A bha na lòchran dhaibhsan

Aig an robh breithneachadh

Is ioraslachd.

 

Dh’innis sibh don chuideachd

Mar a thàinig na creachadairean do Hiort,

'S mar a theich an sluagh gu dìon,

Mar a theab sibh a bhith air ur sgrios,

Le luchd-fuathais an latha a bh’ ann.

 

Ach nuair a ràinig sibh fhèin tìr-mòr,

An dèidh dhuibh soraidh fhàgail aig an eilean,

Nach do nochd na creachadairean a-rithist,

Ag iarraidh sgeul oirbh, sgeul mu gach cleachdadh,

Gach dòigh, gach fasan, gach neònachas

A bha agaibh ann an Hiort,

’S sibh cho coimheach ris na fulmairean.

 

Agus nach d’fhalbh iad leis an ionmhas,

Is siùil àrda, atmhor an aineolais

Gu deàlrach, àrdanach ris na cruinn,

Gus an do ràinig iad caladh nam breug,

Far an do reic iad cliù Hiort

Airson pìosan suarach airgid.

 

Cha do reic sibhse riamh ur cliù,

Agus cha reic gu bràth, a charaid.

Bha sibh fhathast socrach, grinn

An latha a thàinig an long mu dheireadh

A-steach do bhàgh mhòr ur beatha,

’S a sheòl sibh innte

 Gu tìr-mòr eile thar fàire.

 

Guma fada a bhitheas sibh rim thaobh,

A Lachainn uasail, Hiortaich.

 

 





MAITHEANAS

 

Nuair a dh’fhàg sibh Eilean Robain,

Cha b’ ann le mort nur cridhe,

Cha b’ ann le gràin nur n-anam,

Cha b’ ann le teine nimheil nur sùilean,

Cha b’ ann le gunna a’ losgadh nur làmhan,

Cha b’ ann le cuthach dearg nur n-eanchainn,

Cha b’ ann le bàs dubh lobhte nur casan,

 

Ach le ceum na sìthe,

Grèim a’ chàirdeis,

Lainnir an dòchais,

Blàths a’ choibhneis,

Spiorad a’ mhaitheanais,

Fiamh-ghàire socrach.

 

Dh’ionnsaich sibh ur ciùird

Ann an cuaraidh mhilis shearbh a’ chruadail;

Bha an gearradh-chlach ceart

A-nise fa-near dhuibh;

Cha b’ e clachan aoil

Ach clachan beò

Air am bualadh sibh

Ur gilb shèimh,

Chinnteach.

 

Mu dheireadh shuidh sibh,

Leig sibh seachad ur n-acfhainn,

Agus rinn sibh ur tiomnadh.

 

Rinn sibhse an gearradh:

Dh’fhàg sibh an snaidheadh

Againne. 

 

 

MAR CHUIMHNEACHAN AIR SEAMUS HEANEY

Deagh charaid dhuinn uile

 


B’ eòlach thu air Trioblaidean,

A Shèamuis uasail chòir,

Ach fhathast bha thu socrach,

Sìtheil, snog nad dhòigh;

Anns an Tuaisceart sheas thu dìreach,

Ged thriall thu deas le deòin,

’S bha do shealladh fad an astair

Air Albainn dh’ aindeoin ceò.

 

An inntinn mhòr ga giùlan aotrom

Air guailnean leathann beò,

Sùilean lainnireach mar dhaoimein

A’ tolladh tro gach sgleò;

Leug ùr nach fhacas roimhe

Thigeadh glan bho d’ pheann;

As an àbhaist nochdadh toradh,

’S tu cladhach brìgh gach sgeoil.

 

Do bheul a’ seirm le gàire coibhneis,

’S tu fhèin gu h-aoibhneach òg;

Gach latha faicinn sealladh saorsnail

Air chùl gach daorsa bròin.

Ceann na cèille, ’s tu cho bàidheil,

Sàmhach grinn, gun bhòsd;

Mar aon den t-sreath nad nàdar,

Ach ainneamh ann ad sheòrs’.

 

Bu treun am bann a bha gar ceangail,

A Shèamuis ghasda chòir,

’S ged nach b’ fhaisg a bha ar càirdeas

Bu treas’ ar dàimh na feòil;

B’ i a’ Ghàidhlig ainm ar mara,

Is chluinnte fonn ar seòl

Thar Sruth na Maoile anns a’ bhàta,

’S muir-làn a’ togail ceòl.

 

‘S ged nach tig thu nochd nar cuideachd,

Bidh cuimhne ort le pròis;

Bidh tobhta dhut gach uair a dh’ iomrar

Long bhàrdail do luchd-eòl;

A dhuine ghasda, mheachar’, shuilbhir,

Tha sinne ’n-diugh ri bròn,

Ach thug thu dhuinn gu bràth an ulaidh

A chumas buan do threòir.

 








MAR CHUIMHNEACHAN

Air mo charaid uasal nach maireann,

Dòmhnall Mac ’Ille Dhuibh, à Lios Mòr.

 

Tha neul air an Lios a-nochd,

Is trom sprochd air a’ chaol,

Gruaim air gach coill’ is cnoc

Bhon a dh’fhalbh am fear-gaoil.

 

Bu mheasail e air cliù a dhaoin’

Is chuir e leabhar air a dhòigh;

Dhealbhaich e an tasglann grinn

A tha gu h-aoidheil fo cheann fòid.

 

B’ esan a thog ainm an àit’

Mar ionad àraich nan saoidh;

Is tha an sliochd a-nise crom,

Am mulad trom ’s iad ga chaoidh.

 

Bha ealain an neart a làimh,

A’ tarraing dhealbh air cairt bhàn –

Thigeadh long ’s a seòl ri crann,

Do Phort Ramasaidh ’s i làn;

 

Beairteas innt’ o linn nan sean,

Ann am briathran geanail blàth,

Eachdraidh nan laoch nach mean,

’S euchdan gach neach bha làth’r.

 


A Dhòmhnaill, ’s e gu fìor do chàrn

Taigh-solais àrd ri taobh a’ chaoil,

A ghath a’ beannachadh gach tràigh,

A’ cur sgàilean dorch’ ma sgaoil.

 

B’ e sin a rinn thu fhèin nad là,

A’ lasadh slighe cheart le bàidh,

Rannsaichean a’ dol gad lorg,

’S aig do chagailt gheibhte fàilt’. 

 

Tha thu nis sa chaladh chiùin,

Do shiùil ’s iad paisgte, gun lochd;

Ach cluinnear osnadh anns na tuinn;

Chan fhaighear aoibh san Lios a-nochd.

 
 

 




MARAICHE A’ BHANCA

Mar chuimhneachan air an duin’-uasal Uilleam Groat, nach maireann,

fear a mhuinntir Arcaibh a bha na bhancair ann an Tiriodh, agus a bha roimhe sin

a’ seoladh air an ‘Otter Bank’, am ‘banca-mara’ aig Banca Rìoghail na h-Alba.

 

Tha do long an-diugh aig caladh

An taigh-tasgaidh Scapa Flow –

An ‘Otter Bank’ bha làidir, tapaidh

Ann an gaillinn nan tonn mòr;

 

Tha cuid marachd a-nis seachad,

Tha a crann an taic a beòil,

’S cha tig luasgadh oirr’ ri maireann

An taigh-tasgaidh Scapa Flow.

 

B’ iomadh là air cuantan Arcaibh,

’S sìoban mara geal fo sròin,

A thug i leatha fuasgladh airgid

Do na h-eileanaich le deòin:

 

’S Uilleam Gròt bha ciùin na fhacail

A’ fulang sadadh fairge mhòir,

Air sgàth gach neach bha sireadh taice

Anns gach malairt bha fo sgòd.

 

Ach thuig thusa, Uilleim ghasda,

Nach b’ e airgead bun an sgeòil;

B’ ann nad chridhe bha am beairteas,

‘S dh’fhosgail thusa dhaibh do stòr;

 

Sgeulachdan is fios mu mharachd,

B’ e an cleachdadh bh’ aig do sheòrs’,

Oir bhuineadh tu do mhuinntir Arcaibh –

Bha do chorp-sa den aon fheòil.

 

Agus ann an Tiriodh fhathast,

Cluinnear d’ ainm ga luaidh le pròis;

Bha thu mèinneil, bàidheil, taiceil,

’S bha do labhairt sìtheil, còir.

 

Thogadh tusa seòl gu snasail

Leis gach maraich’ ann an spòrs’,

Anns an rèis gum faicte d’ eathair,

‘S a crann a’ snagail anns an t-sròm.

 

Dh’fhag thu, Uilleim, dìleab againn

Nach fhaca sinne riamh a seòrs’;

Dh’fhàg thu againn ciùinead d’ anam

Am measg sadadh searbh na stoirm.

 

Tha thu fhèin an-diugh aig caladh

Fad o chrathadh nan tonn mòr;

An long ’s am bancair a-nis taisgte

Ann an Arcaibh, tìr do dheòin.

 

 
 

SAORSA

 

Is saorsa coiseachd sa mhuran,

A’ mealtainn furan na fairge;

Gach tonn a’ tighinn le buille,

A’ tumadh aodann na carraige.

 

An trìlleachan beag le caithreim

Ri aighear is aiteas na thairgse,

Iteag a ghabhail gun smalan

Far an cluinnear faram na gailbhe.

 

Feamainn gu sàmhach a’ labhairt

Mu aigeann nan claisean garbha;

‘Cha tig saorsa gun stoirm na caraibh –

’S math ma mhaireas an tairbhe!’

  

 





NA GAISGICH URA

 

Na gaisgich ùra, gur h-iad na diùlnaich,

A’ leum gu lùthmhor le sùnnd air tràighean,

Air sgiathan siùbhlach a’ ruith gach cùrsa,

Le siùil cho snuadhmhor os cionn a’ bhàighe.

 

Tha iad cho rìomhach nan oillsgin lìomhte,

Dùint’ mun craiceann is teann mum màsan;

An t-èideadh brèagha a tha cho sgiamhach

’S ag inns’ gu cinnteach gu bheil iad làidir.

 

’S iad fhèin a gluaiseas os cionn nan rùitean,

A’ cumail dìreach le brìgh an gàirdein:

Ged bhiodh sìd’ an uamhais a’ togail fuathais,

Mach gu luath leo air uachdar sàile.

 

Air chùl nan dlùth-thonn nì iadsan stiùireadh,

Sìos is suas air gach stuagh as àirde,

Ach corra uair gum buail an grùnnd iad,

’S bidh ’n car-a’-mhuiltein a’ toirt orm gàire.

 

Cha toir iad smuaint do chunnart brùideil,

Is beag an suim do gach creig san àite;

Chan eil iad tùrail, ’s cha toir iad diù dha,

Ged dh’fheumte ’coptair gan togail sàbhailt’.

 

’S ma chì thu cruinn iad air ceidhe còmhla,

Gu moiteil, pròiseil, a’ falbh sa bhàta,

Gu bheil an còmhradh cho làn de bhòillich

Mun dòigh a bhuannaich iad cliù san àite!

 
 

 

SEANN TAIGH






Seo sinn a-rithist, a sheann taigh,

’S sinn a’ feuchainn ri dìon a chur ort.

 

Nach annasach sin, ’s a liuthad bliadhna

A chuir thu fhèin dìon oirnne;

Ginealach an dèidh ginealaich

De na Dòmhnallaich fo do chabair;

Do bhallachan leathann a’ toirt dùbhlan

Do gach gaillinn is stoirm bhrùideil;

Feur nam machraichean ga ghearradh

Le siosar nimheil, geur na gaoithe,

An t-uisge a’ sadadh air na creagan,

Na Suacain a’ goil le fuathas mara,

An tein’-adhair ’s an tàirneanach

A’ sgoltadh nan speur, gach uamhas

A’ dalladh ort bho gach àird.

 

Bu tric a dh’ èisd mi gu seasgair ri do chaismeachd,

A’ cur a’ chatha an aghaidh nan siantan,

Do sglèatan ri drumaireachd,

Do stuaghan ri feadaireachd,

Do shimilearan ri bùirich,

Do dhruim ri dìosgail

D’ uinneagan ri bualadh,

Do bhallachan ri diùltadh,

’S a’ ghaoth ’s an t-uisge a’ tilleadh,

’S iad claoidhte.

 

Ach a dh’ aindeoin do thrèine,

Chagainn iad thu beag air bheag,

Sgàinidhean fada,

Taisealachd anns a’ ghlutadh,

Corra mhaide a’ bristeadh,

Fiodh nan dorsan a’ grodadh,

Uinneagan a’ dèanamh aoidion.

 

Tha sinne a-nise aig do bhunaitean,

A’ cladhach claise don taisealachd!

Chan urrainn nach tug sin gàire ort!

Nach ann oirnn a tha a’ bhathais!

 

Chuala mi thu ag ràdh os ìosal,

‘Abair stèidh, a bhalaich!

Beachdaich thusa air gach clach

A chuir Eachann Bàn anns an talamh,

A thug e às a’ chuaraidh le spreaghadh-creige,

A shlaod a chlann air losgann each,

A shnaidh an clachair le ealain na gilbe,

‘S a chuir e cuairt air chuairt

Le neart a chuirp ’s a dhà làimhe

Timcheall nam ballachan.

 


‘Gabh beachd, ’ille, air mar a thog

Eachann Bàn a dhaingneach!

Tut, bidh mise an seo gu seasmhach,

An latha nach bi thusa ann!

Cuiridh mise thusa às mo dhèidh!

 

‘Ach tapadh leat, ’ille,

Airson beagan maise a chur air mo ghnùis,

Spriodadh de dh’aol geal bòidheach

 An ceann a h-uile còig bliadhna,

‘S peanta a chur air mo dhorsan

Agus air na h-uinneagan.

Rinn sin feum dhomh,

Ach tha mo bhunait

Fhathast gun atharrachadh,

Gun sgàile tionndaidh.

 

‘Rugadh mise anns a’ chreig,

Mi fhìn is Eachann Bàn Blastair

Gar snaidheadh le chèile,

Gar gearradh còmhla

 As a’ charraig chruaidh,

Carraig nan àl nach dìobair:

 

‘Clann nan clach a thog mise –

B’ iadsan, ’s cha tusa,

A rinn mo bhunait-sa

Cinnteach.’

 

 

SGOIL THAOBH NA PAIRCE

 

Piseach is àgh air sgoil Ghàidhlig a’ bhaile

Tha ga seòladh an-dràsd’ an Lìt’ àghmhor nam marsant’,

Far am b’ àbhaist gach bàta bhith làn leis gach bathair,

Is teanga nan Gàidheal air gach clàr air a h-aithris.

 

Gun seòl an sgoil ùr air cùrsa bhios daingeann,

Toirt buaidh air gach cruadal, gach stuagh a thig tarsaing;

Gun toir i dùbhlan le tùr do gach spùinneadair mara

A nochdas ’s e ’n dùil nach eil an iùbhrach seo fallain.

 

Chaidh a togail gu brèagha an Crois na Cìse le ealain,

Coinneach Neal leis gach innleachd gu gnìomhach ga snaidheadh;

Mòna mhìn’s i a’ strì ris a’ chiad ghainnead acfhainn,

’S gun chinnt’ am biodh sìd’ aic’ bhiodh a’ lìonadh a slatan.

 

Chaidh a stiùireadh gu h-uasal ’s gu buadhmhor le Anna

Gu Lìte nan Long, laimrig phongail an fhasgaidh;

Dh’fhàg i chabhlach na dèidh anns an rèis chun a’ chalaidh,

’S i togail gu h-àlainn ainm na Gàidhlig mar bhratach.

 

Guma slàn bheir i ’n t-aiseag do gach balach is caileig

A labhras sa chànain a bha air Ghàidhealtachd ’s air Mhachair;

Gun toir i tlachd do gach pàrant thèid gu h-àrd anns na crannaibh,

Far am faic iad a’ Ghàidhlig aig a bàrr sa phrìomh bhaile. 

 

 

SÌD’ FHLIUCH 1914-2014

 

Cò a chreideadh e? 

Ceud bliadhna de shileadh,

’S cha tàinig turadh fhathast:

An t-uisge a’ dòrtadh gun abhsadh

O mhoch gu dubh,

O mhadainn gu feasgar,

A Shàbaid ’s a sheachdain

A shamhradh ’s a gheamhradh:

An talamh air dol fodha

Ann an cuan salchair o chionn fhada,

’S gach ginealach le bàta-teasairginn,

A’ seòladh air uachdar nan tonn.

.

Cluinnear corra iomradh air Nòah

Mar an t-Athair a chruthaich an Àirc,

’S anns na h-iùbhraichean air an oidhche,

Nuair a bhios iomram an latha seachad,

’S na ràimh nan laighe air na tobhtachan,

Bidh seanair ag innse naidheachd na Dìle

Do na h-oghachan, gus an tuig iad

Mar a mhill Dia nan Seann Daoine

An saoghal gu tur.

 

Chan eil sgeul air fitheach,

No air calman gràsmhor,

No air Ararat:

Chan eil ann ach an iomram

Shìorraidh, shearbh, shàraichte,

Ged a tha am bogha-frois

Fhathast anns an speur.

 

 


 

BEAUMONT-HAMEL

 

Air feasgar Earraich am Beaumont-Hamel,

’S am machair Frangach a’ sgaoileadh rèidh,

Na h-eòin ri ceilear le fead is aighear

Gu h-àrd san adhar an gorm nan speur:

 

Tha mise coiseachd le cas nach lagaich

Suas gu ’n charragh ud thall leis fhèin,

Do na h-Earra Ghàidhealach a chaill an anam

San talamh eabair a shluig gach ceum.

 


An siud gu snasail gum faic mi facail

Mu chliù nam balach a sheas gu treun;

A’ Ghàidhlig mhacail bha iad a’ cleachdadh ,

’S i cainnt a’ charraigh gu rè nan rè.

 

Na gillean gaisgeil a chaidh romhainn

Tha cuid gun ainm ac’ nan laigh’ sa chrèidh:

‘Do Dhia a-mhàin tha ’àdsan aithnicht’’ –

Gach dàrna clach a’ toirt dhuinn an sgeul.

 

Sa chlachan chuimir aig ceann an achaidh,

Dà shreath de leacan gu geal ri grèin:

‘A nàmhaid bhàsmhor, cà bheil do ghath-sa?’ -

‘S e sin a’ cheist a th’ aig aon mar stèidh.

 

Air feasgar Earraich am Beaumont-Hamel,

’S am fonn a’ gealltainn deagh thoradh dèis,

Co ’n-diugh a chreideadh gun treabhadh batal

An tìr na h-eabar ’s na boglaich bhrèin?

 


Na h-eòin ri ceilear gu h-àrd san adhar,

A’ seinn gu snasail le iomadh gleus –

Is fada sin bho gach urchair mhallaicht’,

’S bhon ghunna ghrànd’ leis a’ bhàs na bheuc.

 

Bha ’n ceòl cho milis, cho grinn ’s  cho fallain,

Gun do bhris e m’ anam nuair bha mi ’g èisd’,

Is dh’fhairich mise, ged bha mi smachdail,

Mo shùil le smalan a’ frasadh dheur.

 

 


 

AN DEALBH DEIREANNACH

dem shìn-sheanair ’s dem shìn-sheanmhair.

(Chaidh an dealbh a ghabhail ann an 1916 le am mac,

Iain Domhnallach, a chaidh a mharbhadh aig Arras ann an 1917)

 

Tha sibh an seo crochte air a’ bhalla,

Tàthte ann an ceimiceachd na mairsinneachd,

Ur dromannan ris a’ ghàrradh,

Eadar na clachan as motha a th’ ann.

 

Sheas na clachan sin gus an là an-diugh,

Gun atharrachadh no sgàile tionndaidh,

Ach a-mhàin còinteach

Air an aghaidh.

 

Ach dh’fhalbh sibhse a dh’aindeoin an deilbh;

Cha do chùm ceimiceachd sibh ach mar ìomhaigh,

Ged a bha sibh le chèile cho treun, gnìomhach,

Nur clachan beò nach gluaiseadh gaoth no stoirm,

Gun eagal ro bhochdainn no ro ghalar,

Ro uachdaran no ro bhàillidh,

’S sibh le chèile an sàs gu fonnmhor

Ann an clachaireachd na beatha,

A’ togail an taigh ùir,

A’ togail an teaghlaich,

Gàrradh mòr nan ginealaichean.

 

Dè a chunnaic sibh an latha ud,

’S sibh nur suidhe mu choinneamh a’ chamara,

’S Iain a’ bruthadh a’ phutain?

Bha sibh sgìth, air ur claoidh

Le saorsainneachd shearbh ur latha,

Ur n-aodainn air an treabhadh le cruadal,

Ach fhathast bha ur sealladh geur,

Clachan ur sùilean fosgailte.

 

Am faca sibh am peilear beag solais

A’ sitheadh chun a’ chamara,

Gur reothadh na bhroinn,

Agus a’ dol ann an clisgeadh

Do dh’eanchainn Iain?

 

Am faca sibh na clachan mòra a’ tuiteam,

’S an gàrradh-teaghlaich a thog sibh le spàirn

A’ falbh as a chèile,

’S gun duine

Air fhàgail

Beò?

 

 



 

FEAMAINN GHROD

Tha an Saighdear Iain Dòmhnallach, às a’ Chaolas ann an Tiriodh, a’ sgrìobhadh mar a leanas gu a phiuthair Magaidh air 28.3.1917: ‘I must not mention where we are.  What is the name of the stream behind Miodar House where the[y] get the rotten seaweed [?]  Tell me in next letter.  Now I must close as I have only 10 minutes to go.’

 

Shìos air cùl creagach a’ Mhìodair,

Tha a’ ghaoth an eara-dheas geur,

Sgrìob lom, liath an earraich a’ gearradh

Craiceann odhar a’ gheamhraidh ghruamaich
 

Far nam machraichean boga, bàsmhor;


An làn ìosal, ’s na boghachan a’ nochdadh,

Grinneal is gainmheach is sligean,

Sruthan labhrach a’ ruith eadar clachan,

A’ cumail orra gu sìorraidh,

A’ taomadh na tìre

’S i bàthte fo na tuiltean.

 

Agus am fàileadh!  Samh na feamainn,

Boladh breun brùideil na marbhalachd

A’ tolladh mo chuinneanan le bior

Toradh lobhte, grod, cnàmhte a’ chogaidh,

Fuidheall spàirn nan cumhachdan mòra,

Cnàmhan loma nan stamh briste nan laighe

Fada os cionn oir an làin, far an d’fhàg

An stoirm iad, le smùidrich is fuathas,

Anns gach claise, gach sgor, gach oisean,

Muin air mhuin, marbh gun bheatha,

Le ionnsaigh nan gunnachan mòra,

Stuagh air stuagh, làdach air làdach,

Na peilearan-meallain nimheil a’ sadadh

Gun stad, gun abhsadh, gus an robh

Gach nì beò air a’ mhachaire air a sgrios,

An tìr gun anail, is cobhartach cath na mara

Air fhàgail far an do thuit e.

 

Agus an siud, uaigh fhosgailte

Ri taobh an uillt, air a cladhach

Gu snasail, grinn le oiteig choibhneil

Is lochan beag tròcaireach ga h-imlich,

Far an laigheadh aon saighdear,

’S far am biodh na siantan ga shìor-nighe

Bho choirbteachd a’ chatha.

 

Nam biodh fhios co dhà

A rinn an oiteag chàirdeil siud…

Ceud bliadhna an dèidh làimhe.

 

Cò a chreideadh, Iain, gur h-ann an sin

A bha do smuaintean luaineach a’ tilleadh

Anns an litir mu dheireadh ud,
 
Agus fàileadh feamainn ghrod


Allt biothbhuan a’ Mhìodair

A’ tighinn thugad a-rithist

Ann am poll is eabar is clàbar

 Blàr-catha na Frainge?

 

An robh am manadh deireannach

Anns a’ ghaoith?

 







ADHRADH ARRAS

 

Cuir an deagh chath led neart air fad,

’S e Crìosd do chòir, is Crìosd do rath:

Glac lànachd beath’, is gheibh thu cìnnt

Gur h-e do chrùn ’s do shùnnd gu sìor.

 

Shìos anns an uaimh fo bhuaidh a’ bhàis,

Trì-fichead troigh fon talamh àrd,

Togaibh ur guth is seinnibh ceòl,

Don Triath a bheir dhuibh sgiath is fòir.

 

’S esan ur stèidh an teas ur spàirn,

Nuair bhios an nàmhaid bagradh bàis:

’S e chuireas casg air eagal mòr,

‘S a dhòirteas leigheas anns gach leòn.

 

Nuair spreaghas sibh a’ chreag as cruaidh,

’S a nochdas sibh air talamh shuas,

Iarraibh gun deònaich esan buaidh

Dhuibhse tha strì às leth a shluaigh.

 

Is mura ruig sibh an taobh thall

De ur ceann-uidhe gun ur call,

Bidh a làmh ghràdhach-san cur fàilt’

Air a chlann fhèin aig crìoch a’ bhlàir.



 

 
‘NOT FORGOTTEN IN CAOLIS, TIREE’

 

Nuair a sheas mi aig d’ uaigh, Iain,

Chunnaic mi do chlach-chinn na drochaid,

’S mise a’ coiseachd a-null oirre

Thugadsa, ’s do làmh làidir ga sìneadh

Thugamsa, a’ cur fàilte orm don taobh thall,

’S do ghuth Gàidhealach ag ràdh

Gu socrach, sìtheil, bàidheil, beòthail,

‘Chan eil mi air mo dhìochuimhneachadh

Anns a’ Chaolas ann an Tiriodh.’

 


Gu dearbh, Iain; b’ e sin a ghluais mo chridhe,

Soilleireachd taibhse na cuimhne air mo thòir

Ann an trainnse cruaidh nan linntean bàsmhor,

A’ toirt orm a bhith a’ gleachd le dìochuimhn’,

Beigeileid nam làimh fhìn, ’s an ionc dhubh

A’ sruthadh na h-abhainn dheirg,

A’ gearradh litrichean lasrach

Air an drochaid a thilg gràdh teaghlaich

A-null thugad don Tìr a Bhuineas Dhuinn Uile.

 

An-diugh, ’s grian na Frainge a’ deàrrsadh

Air sreathan nan clachan geala,

’S na tuinn òga a’ bualadh le faram shàmhach

Air cladach a’ chaolais shìorraidh,

Chuir mi clach-mhullaich a’ chàirdeis

Chaoimh seo air an drochaid,

’S mi a’ coiseachd a-null thugad

Bhon Chaolas gu Sante Catherine

Gu tiamhaidh, toilichte, a’ cuimhneachadh.

 

 

AN CAIPTEAN SEOC STIÙBHART, MC

Bha Iain Dòmhnallach na ADC aig 2 Lt John Livingstone Stewart nuair a chaidh a mharbhadh aig Blàr Arras air 9.4.1917.  Sgrìobh an Stiùbhartach litir eireachdail gu Magaidh, piuthair Iain, an dèidh bàs a bràthar.   An dèidh a’ chogaidh, thug an Stiùbhartach a-mach dreuchd fear-leighis ainmhidhean ann an Dùn Eideann le àrd-urram, agus chaidh e do dh’Afraca, far an do shaothraich e fad 25 bliadhna ann an Cladach an Òir (Gold Coast).   Chaidh seo a sgrìobhadh nuair a chunnaic mi dealbh den Stiùbhartach anns a’ cholaist ann an Dùn Eideann.

 

Cò chreideadh gun robh sibh riamh

Anns a’ chogadh mhòr bhrùideil ud,

’S gum faca sibh mort is marbhadh,

Poll a’ bhàis is eabar a’ bhàthaidh,

Muir a’ chlàbair gun ghrùnnd, gun chrìch,

Fir is eich a’ dol an coinneamh an cinn,

Cuirp a’ dol nan spealgan do na speuran,

Gillean òga a’ tuiteam gun osna aig ur casan?

 

No gun cuala sibh ràn nan gunnachan mòra,

Seirm nan sligean lasrach a’ gabhail seachad,

Srann nam peilearan beaga nimheil,

’S na saighdearan a’ glaodhach le pian Ifrinn

’S an spreaghadh deireannach gan gearradh

Nan sliseagan?

 

Cò a chreideadh gun robh sibh fhèin nam measg,

Dà uair air ur leòn, dà uair am feum lighichean,

Dà uair am feum altram cùramach,

Dà uair am feum fois is faochadh is fuasgladh

Ann an gleann sgàil a’ bhàis?

 

Cò a chreideadh gun tigeadh sibh bhuaidhe,

Gun cuireadh sibh ur n-eanchainn ri leigheas

Nuair a bha gach crith-thalmhainn seachad,

’S gun rachadh sibh a-mach gu tìr chèin

A thoirt dòchas do dhaoine is do dh’ ainmhidhean?

 

Tha sibh a’ sealltainn cho òg, cho neochiontach,

’S sibh ris an ionnsachadh dhomhain, thorach,

 Cho neo-thruaillte nur coltas, cho glan,

Mar nach fhaca sibh fuathas riamh nur beatha,

’S ur bothag fhathast cho làidir, fallain:

Chan ioghnadh gun deachaidh currac Alba a chur

Gu rìoghail air ur ceann mòralach.

 


B’ e sibhse gu dearbh an duine gasda,

’S sibh a’ sgrìobhadh litir chomhfhurtachd

Ann am meadhan ur dòrainn fhèin

Gu Magaidh Dhòmhnallach ann an Tiriodh,

A’ moladh gaisgealachd a bràthar mairbh.

 

A Sheoc uasail, treun nur n-inntinn,

B’ e sibh fhèin an gaisgeach, an curaidh

Ciallach, carthannach gun choimeas.

 

Rinn am Freasdal an taghadh,

’S tha mise an-diugh taingeil

Nach b’ e sibhse a fhuair am peilear.

Sin agaibh a-nise an dàn.

 
 

AM FEASGAR MU DHEIREADH

Chaochail an Caiptean Seoc Stiùbhart ann am Magoebaskloof anns an Transvaal ann an 1971.

 

Thàinig sibh chun na laidhne deireannaich,

A Sheoc, far an robh an Nàmhaid Mhòr

A’ fuireach ribh anns an trainnse:

An latha grianach, an ùir tioram,

Seach uisge is boglaichean

Is droch shìd’ Arras:

 


A’ chraobh a’ sgaoileadh a duillich,

A geugan dosrach a’ cur dìon oirbh

Gu sìtheil, socrach, ’s na h-eòin

Ri ceilear nan còisir bhiothbhuan,

A’ seinn gu sìorraidh
 

Os cionn cuthach an t-saoghail.

 

Shuidh sibh mu dheireadh,

Shìn sibh na casan làidir ud

A bha eòlach air clàbar,

Ach a bha glan an-diugh:

Shocraich sibh an corp mòr gaisgeil

A bha a’ fannachadh le uallach na h-aoise

Fo sgàil na craoibhe anns an tìr airtnealaich:

Thog sibh an deoch mhilis nur làimh,

’S gu sèimh shluig sibh na peilearan,

Agus shìn sibh a’ bhuaidh gu fialaidh

Don Nàmhaid.

 
 
 
 
 
 
 
 
SEOC MÒR STIÙBHART

Cumha

 

Ann an dùthaich na grèine

Chrìochnaich ur rèis-se,

A Sheoc uasail, bha lèirsinneach còir.

 

Far am bitheadh na speuran

Is beanntan bha feurach

A’ pògadh a chèile lem bòidhch’;

 

Fad’ o Ghàna ’s on sprèidh sin

A dh’altraim ur gleusdachd,

’S sibh a’ cleachdadh sàr èifeachd nur dòigh;

 

Fad’ o chogadh na brèine

A dh’fhàg feachdan gun èirigh,

’S a sgrios mìltean le lèireadh is bròn.

 

Air iasgach bhreac bha sibh dèidheil

Air lochan beag èibhinn,

’S na gillean cur spèis ann ur seòl:

 

A’ sgaoileadh teagasg bha feumail

Le mòr-thuigs’ agus reusan

Gu gach creutair bha ’g èisdeachd le deòin.

 

Bu làidir ’s bu treun silbh,

An curaidh nach gèilleadh,

A’ cur cath ’n aghaidh èis is droch spòrs.

 

Fhuair sibh sìth agus èibhneas

Ann an tìr seo na grèine,

Gus an do laigh sibh gu sèimh anns an fhòd.

 

 

SPORAN ALASDAIR

 

An sporan a th’aig Alasdair,

’S e mìorbhail mhòr a th’ann,

Agus ’s math gu bheil e farsaing,

Agus domhain shìos fon bhann!

 

Gliong, gliong, gliong,

Cha bhi sinn idir gann,

‘S cluinnidh sinn na sgillinnean,

A’ dòrtadh às le srann.

 

Is math gu bheil am Mòd ann,

Oir ’s toigh leam fhin gach rann,

A tha sgrìobhte ann an airgead,

Is ceòlmhor do ar clann;

 

Diong, diong, diong,

Am Pàislig mhòr nach fann,

Le òrain agus dramaichean

Is fèilidhean nam ball.

 

Agus cluinnear sporan Alasdair

Ceud mìle thall –

Is mòralachd nan notaichean,

A’ tuiteam às – cho gann!

 

Donc, donc, donc,

Nach ann ort tha ghreann!

Dùisg, dùisg, Alasdair,

Chan eil gu leòr ann.

 

‘NORTH ARGYLL’

Mar chuimhneachan air Alasdair Camshron

 

Ann an siud ann an Dail an Tairt,

Le speculairean dubha ’s cion lùth

Nur casan cruadalach cinnteach

A bha uaireigin cho siùbhlach,

Shuidheadh sibh gu càirdeil,

A’ fuireach ris a’ bhalach Thirisdeach

Gach feasgar Sàbaid a’ tighinn air chèilidh.

 

Bha sibh cho grinn, socrach, sìobhalta,

Ur latha corporra a’ ciaradh,

Caol Muile a’ dol fo sgleò air an astar,

Ach fhathast bha a’ ghrian a’ deàrrsadh

Air a’ Bheinn Shianta ‘s air Cille Chòmhainn,

Agus thigeadh lasair na h-òige na làn neart

Nuair a chuireamaid cuairt air Suaineart Buidhe,

Gach rathad a chàraich sibh le spaid is greabhal,

Is gach toll a lìon sibh a thoirt turas sìtheil

Do dhaoine eile air leathadan corrach, cas,

Na Morbhairne àlainn fhalaimh.

 

Chàraich sibh rathaidean an h-eachdraidh,

Alasdair, le ur dìcheall le peann is inntinn,

Agus tuill an fhiosrachadh gach seachdain,

Thionndaidh sibh nan tobraichean eòlais.

Thug sibh an dìthreabh fo bhlàth,

Agus rèitich sibh an t-slighe.

 

Shuidheadh am balach Tirisdeach

Gus am feumadh e falbh, ge b’ oil leis,

’S e a’ faicinn lainnir nan seòl siùbhlach

A’ fiaradh Rudha Aird nam Murchan,

Caol Muile beò le luingeas nan linntean,

Na gaisgich a’ cur a’ chatha shìorraidh,

Croitearan Bhuarblaig a’ riasladh ris na feannagan,

Agus ‘Caraid nan Gàidheal’ le ite a’ chruthachaidh

A’ sgrìobhadh le gàire air aodann

Duilleagan ‘An Teachdaire Ghaelaich’

Anns a’ Mhansa am measg nan craobh.

 

Tapadh leibh, Alasdair, airson gach rathad

A rèitich sibh dhomhsa, gach ceangal a rinn sibh

Eadar slighean na h-eachdraidh,

Mus do thriall sibh fhèin

Air an rathad fhada mu dheireadh.

 

NOTA

Bha Alasdair Camshron ann an Dachaigh-Chùraim Dhail an Tairt anns an Oban nuair a bha mise anns an Ard-sgoil eadar 1965 is 1967.  Bhiodh e a’ sgrìobhadh earrann (is barrachd) gach seachdain anns an ‘Oban Times’, fon ainm-phinn ‘North Argyll’.   Bha mi air leth moiteil gun do choinnich mi ris, agus gun robh sinn nar dlùth chàirdean mus do chaochail e.  Thill na cuimhneachain seo thugam madainn an-diugh.  Bha e cho taitneach a bhith na chuideachd.  Chan iarrainn-sa na b’ fheàrr.  Seo mi a-nise a’ cur clach air a chàrn – lethcheud bliadhna (cha mhòr) an dèidh dhuinn coinneachadh.

 

 

RÒIN

 

Còig chinn liath an grian na maidne,

Ri cleasachd chiùin os cionn na mara,

Tonnan uain’ a’ sguabadh tharaibh,

Is sibh a’ fadadh tlachd nam anam.

 

Nach sibh an-diugh a chunnaic annas,

Fear le coin air oir a’ chladaich!

’S e fealla-dhà le gràdh a bh’ agaibh –

Bu ghasd’ a labhair sibh nur caidreabh!

 

 

SRÀID NA MAIDNE

 

A’ ghaoth a’ mire ri m’ aodann,

Am bàt’-aiseig a’ sgaoileadh nan tonn,

Na coin a’ ruith air a’ mhachair

’S an talamh cho taiceil fo m’ bhonn.

 

 

TAIGH MOR NAN UINNEAG

 

Chunnaic mi taigh mòr nan uinneag,

Chunnaic mi taigh mòr nam buideal;

Chunnaic mi taigh mòr na cuideachd

Bhios a’ cluich an eilean m’ òig’!

 

Siud na h-uaislean a tha rìomhach,

Chan e uinneag, ach na ceudan!

Fichead sear is fichead siar ann,

Deas is tuath air stuagh tha còig!

 

Abraibh sibhse gu bheil fàrdach

Aig na daoine gasda, màlda;

Ard os cionn gach tobht’ is làraich,

Chìthear ’àdsan len cuid pròis!

 

Gheibh iad sealladh nùll gu Gunna,

Suas gu tuath tha am Bun Dubh ac’,

Greasamul is beul an t-Srutha –

’S ann dhaibh fhèin a bhuineas còir!

 

Uinneag bheag is uinneag mhòr ac’,

Uinneag mheadhanach’s tè chòrnair;

Uinneag ìosal ’s mile lòsan –

’S gach tè den treubh aig Velux còir!

 

Abraibh gur h-e seo taigh-solais,

Ard air cnoc a’ deàrrsadh soilleir;

Ach chan e idir sluagh na bochdainn

Bhios a’ togail suas nan seòl!

 

Bàta plastaig anns a’ ghàrradh,

Rèidio ’s nach bi iad caillte,

A h-uile nì cho spaideil, àlainn –

An aon àird anns gach criomag feòir!

 

Chan e beatha ach am bàs dhuinn

Ma thig tuilleadh dhiubh nar làthair;

Cluinnidh mi mo chridhe ’g ràdhainn –

‘Fàg taigh mòr nan uinneag, ’s tiugainn leam!’

 

 

THAINIG OIRNN DO DH'ALBAINN SEOID

Thainig oirnn do dh'Albainn seòid
A tha eòlach, ealant', grinn;
An dà shaoi as àirde treòir
Le oilean 's seòl is neart cinn.

Am Baile Mòr na h-Ubhail Oir
Thogadh Tòmas, ùidh nan cliar;

'S Rob aig a bheil an ealain bheòil,
Chaith e òige an Ath Cliath.

Bheir Tòmas dhuinn brìgh gach dàin
A rinneadh leis na bàird o shean;
'S bheir Rob dhuinn cainnt nan sàr
Chaidh àrach ri linn nan creach.

Cha bhi dualchainnt anns an tìr
Nach mìnich Rob le aigneadh gheur,
Is bidh gach samhladh 's gasda lì
Glact' le Tòmas lìomhte, gleusd'.

An Glaschu air Monadh àrd,
Tha Cathraichean nan sàr seud,
'S bidh na h-oidean ud, mar bhàird,
A' togail àbhachdais an treud.

Guma fada buan, gun chlaoidh,
An rèim gu aois, le saod is ceòl;
An Cnoc Gille Mhoire seinnear laoidh
Don dà shaoi a thàinig oirnn.

 

TOBAR ANNS AN FHÀSACH

 

Bi faiceallach aig an tobar seo;

Tha uisge fìorghlan ann, is fionnarachd,

Mìlseachd nach do bhlais do bhilean

Riamh a leithid.

 

Ma tha thu tartmhor, suidhidh tu

Is bheir thu às làn do bhois,

’S cha seall thu thugad no bhuat.

Tha buaireadh ann am brìogh

A’ bhùirn seo.

 

Ach tuig gun tig an latha

Anns am bi thu nad shuidhe

Fo theas na grèine, gun mhaide-sgàile,

Mar Iònah a’ gearan,

’S an fhaileas-bhrèige

Air teicheadh.

 
'Taigh Bean Iain', mar a tha e an-diugh.   Tha 'Tobar Bean Iain' shios ri taobh an rathaid air an laimh chli.

 
 

TOBAR BEAN IAIN

 

Choisich mi seachad air Tobar Bean Iain an-diugh,

Mi fhìn ’s an dà chù, gach aon againn air feist,

'S an tobar air a stopadh le biolair is luibheannach,

'S gun uisge ri fhaicinn, ged a thìll tobar na h-òige


Airson tiotain.

 

Magaidh, piuthair mo sheanmhar,

A’ suidhe còmhla rium uair eile air a’ bhruaich,

A’ spìonadh na biolaire, 's ga toirt dhòmhsa ri h-ithe,

’S i blasda air ar bilean, ar comanachadh sàmhach.

 

An sin bheireadh i duilleag shiolastair às an talamh bhog, bhlàth,

Ga pàsgadh eadar a corragan mòra, fearail, eòlach,

A’ cruthachadh bàta, a’ cur car ann an earball na duilleige,

Ga dèanamh na roth bòidheach

Air an greimicheadh a’ ghaoth mar sheòl.

 

Agus dhèanainn-sa à duilleig eile

Mo bhàta beag, dòchasach fhin

San aon dòigh, gu cùramach,

Ga deasachadh airson na rèis.

 

Leigeamaid iad às ar làmhan,

Long Mhagaidh air thoiseach,

A’ falbh leis na cuartagan,

A’ bualadh anns an luachair,

A’ dol air a cliathaich,

Ga giùlan le sruth na dìge

Tro gach lub is lùb,

Gus an cailleamaid i mu dheireadh

Anns na cuiseagan coimheach

Fada bhuainn air an astar.

 

An tè bheag aotrom agamsa

An uair sin, cuimir na cumadh,

A’ seòladh air èiginn,

A’ dol air a tarsainn,

Ga leantainn,

Gun chinnt dè a thachradh.

B’ ann gun tlachd

A thillinn dhachaigh.

 

Ach cha do sguir an t-uisge a’ ruith nam inntinn,

’S chì mi mo bhata siolastair fhathast

A’ falbh leis an t-sruth,

Ged is cinnteach nach eil i fada

Bho na cuiseagan ruadha.






Bata beag air a deanamh a duilleag siolastair, den t-seorsa a bhithinn a' seoladh ann an Tobar Bean Iain.

 


AM BÀTA BEAG SIOLASTAIR

 

Bàta beag siolastair gu h-aotrom a’ seòladh,

Bàta beag siolastair a’ sealltainn cho bòidheach,

Bàta beag siolastair a’ falbh air an t-soirbheas,

Bata beag siolastair ag ùrachadh m’ òige.

 

Bhuain mi an-diugh duilleag shiolastair uaine,

Thug mi leam dhachaidh i, ’s mise cho uasal;

’S rinn mi dhith bàta le seol ’g èirigh suas oirr’,

Bàta beag siolastair ’s i dhòmhsa cho snuadhmhor.

 

Chuir mi air lochan i, ’s sheòl i gu pròiseil,

Ghaoth air a sliasaid ’s i fiaradh gu dòigheil:

Ghluais i gu snasail gu caladh a deòine,

Am bàta beag siolastair bha leamsa cho bòidheach.

 

Bha mi ’n Tobar Bean Iain ga leigeil san luachair,

Ga faicinn a’ bualadh am biolair nam bruachan:

Falbh air an oiteig, ’s long Mhagaidh a’ buannachd,

Am bàta beag siolastair, ’s i leamsa mar bhruadar.

 

Cò chreideadh gum bitheadh am bàt’ ud na ceòl dhomh,

Cò chreideadh gum bithinn a’ leum leis an t-sòlas?

Dh’fhairich mi mionaid de shonas na h-òige,

’S am bàta beaga siolastair gu gasda a’ seòladh.

 

 




REAGATA

 

Latha mòr san eilean seo,

’S gach long a’ dol fo sheòl,

Gach geòla agus sgoth

’S iad sgeadaicht’ aig na seòid.

 

Tha mise air a’ chnoc ud,

Toirt sùil a-mach on chòrs’,

’S iad siud am measg nan tonnan,

Le farpais choibhneil chòrdt’.

 

Na càirdean a tha taiceil

Anns gach cath is spòrs,

Seo iad a-nis a’ cleasachd

San rèis sa bheil an deòin.

 

Tha Iain Mòr à Rubhaig ann,

Donnchadh Posta còir,

Gòrdon leis an ‘Oircean’,

’S Niall Sgibnis air a dhòigh,

 

A’ toirt nan òrdan marachd,

’S an ‘Daisy’ dol le ceòl,

Ach siud Donnchadh is Eachann

A’ dol seachad air a’ chòrr.

 

Tha Gavin ann à Arcaibh,

’S a charaid Uilleam Gròt,

Dà fhear cho uasal gasda

’S a chuir an cas am bròg.

 

Tha mo chridhe leo a’ marachd,

’S mo spiorad anns gach seòl,

Air feasgar àlainn lurach –

‘Cumaibh oirbh, a sheòid’.

 

Ach siud iad dol à sealladh,

’S tha mi gan call sa cheò;

Na càirdean bha cho faisg orm –

Chan eil iad nise beò.

 

Is toigh leam fhìn bhith ’g aisling

Mu gach gaisgeach bha nam eòl:

Ach b’ fhearr leam iad bhith agam,

Rim thaobh san latha mhòr.

 

 

MO CHARAID, GORDON DONALD (1928-88)

 

A Ghordon, a charaid, cò chreideadh

Gun do shiubhail còig bliadhna fichead

Bhon a shiubhail thu fhèin,

Bhon a dh’fhàg thu cladach Bhalla

Air an turas dheireannach ud:

Thu fhèin ’s 'An t-Oircean’ cho soilleir leam,

An seòl ruadh a’ bolgadh ri crann cinnteach,

’S sibh a’ fiaradh seachad air a’ Chleit

Gu na h-Eileanan Sìorraidh fada air fàire.

 

Tha Bhalla cho falamh, cho aonaranach,

Bhon a dh’fhalbh thu, bhon a shiubhail thu,

Cho coimheach leam, mar gun do chaill e

A chridhe.  Chan eil plosg ann.

Ach tha an taigh ud a’ glacadh mo shùla,

’S dùil agam daonnan gun tig thu fhèin

Thar na starsaich gam choinneachadh.

 

Na lathaichean, na feasgair, a bhiodh againn,

Na còmhraidhean ciallach, cuspaireil, ceart,

Nuair a dh’fhairichinn doimhneachd m’ inntinn

Ga riasladh le neart do bhreithneachaidh,

Mar gum biodh làn mòr làidir,

Sunàmaidh de thuigse, air bualadh orm,

’S na luban ’s na lochan àbhaisteach,

Na glumagan beaga sgìreil gun seadh,

Gan glanadh, gan sguabadh don chuan mhòr

A bhiodh a’ ceangal eilean ìseal Thiriodh

Ri saoghal inntinneil a’ chinne-daonna 

 

Bha thu a’ tuigsinn na sìde, gach latha

A’ cumail do shùla air na neòil, na frasan,

Uairean na grèine, an ceò, na siantan uile

Agad fo smachd, agus, is math, a charaid,

Gun robh, leis gach stoirm mhosach a thàinig ort,

’S eadhon gach feasgar brèagha breugach

Le guin is mort na ghathan àlainn,

Fadadh-cruaidh falaichte

A rinn do chreachadh.

 

’S an dealbh dòrainneach ud –

Thu fhèin gach madainn a’ siubhal na tràghad

Feuch an lorgadh tu corp Thorcaill.

Chì mi fhathast thu shìos am measg nan creag,

’S gun dòigh agam air do chuideachadh

Ach a bhith a’ bruidhinn riut ann an Gàidhlig Thiriodh.

Cha dèanadh Beurla Lunnainn feum san uair ud.

 

A charaid ionmhainn, gun do shamhail san dùthaich,

Shuidh sinn còmhla, agus rinn sinn gàire,

Shuidh sinn còmhla, agus rinn sinn caoineadh,

Shuidh sinn còmhla, agus rinn sinn càirdeas

Nach sgar agus nach brist an làn as àirde,

Nach tèid a mhilleadh le tarbh-thonn brùideil

No le gaillinn, gus an latha a ruigeas mise

An caladh sgiamhach ud còmhla riut fhèin

Thall aig na h-Eileanan Sìorraidh.

 
 
 

CARTADH

 

Deich bliadhna fichead a’ cartadh,

Gach cothrom a gheibhinn anns na ‘lathaichean saora’,

Agus seo mi ris an t-seann chleas fhathast!

Cò a chreideadh meud an sgioblachaidh?

Am fiodh an turas seo – seann gheatachan,

Seann dorsan, seann phostachan, seann stabaichean,

Na comharraidhean-crìche uile, a rèir choltais,

Gan gearradh an-diugh le sàbh ‘fear na coille’,

Airson connadh a chumail ris an taigh

Fad a’ gheamhraidh is barrachd.

 

Gach nì air a chumail, ’s mi fhìn

A cheart cho dona ris a’ chòrr,

‘Air eagal ’s gum bi feum air’:

Gach bàthach is sabhal is taigh

Air a stothadh le treallaich,

’S cha tàinig feum, ’s cha tig,

Ach is math gun loisg an teine

Na cabair a tha a’ cnàmh

’S iad a’ fuireach ris an Latha Mhòr.

 

Na chruinnich na daoin’ ud tro na linntean!

Gach ginealach a’ trusadh ’s a’ gleidheil,

A’ gleidheil ’s a’ trusadh, ’s an sùil

Cho dall ri dallaig: a’ sealltainn

’S a’ sealltainn, ’s gun iad a’ faicinn

‘Ged as ionann cladach,

Nach ionann maorach.’

 

‘Nì mise an càrnadh,

’S nì cuideigin eile an cartadh.’

An e sin an riaghailt neo-sgrìobhte?

 

Tha mise a’ guidhe gun tuig mi

Gu bheil comharraidhean-crìche ann,

’S gun dèan mi mo chuid cartaidh fhìn

Mus tèid mo thilgeil-sa air a’ chairt

Anns a’ chartadh dheireannach.

 
 

O CHIONN DEICH BLIADHNA

 

An samhradh ud a spreagh an saoghal

A bha am broinn mo chinn,

’S a sheòl ciall is tuigse is toinisg

Do thaobh thall a’ Ghrioglachain,

 

Bha am machaire fhathast bog fom chasan,

Na feòirneanan geala, glòrmhor, nàdarra,

Lus an òir a’ deàlradh fad is farsaing,

Na tràighean a’ lasadh le lainnir bhrèagha,

Na speuran domhain, gorm, grianach,

Na tuinn a’ slìobadh a’ chladaich

Le gràdh mòr nan linntean.

 

Ach chan fhaicinn-sa sin:

Bha sùil na h-inntinn dall:

Nàimhdeas a’ bagairt às gach àird:

Na gunnachan mòra gan deasachadh

Air gach bruthach is cnoc,

Teas a’ chatha air gach taobh,

Feall-fhalach gam leagail.

 

Choisich mi gun am bòidhchead fhaicinn,

Choisich mi gun sealladh agam romham,

Choisich mi air oir na stalla,

Agus gach nì air thuraman:

Bu duilich gun dol leatha.

 

Ach fhathast dh’fhairich mi an oiteag

A’ tighinn gu socrach, sìtheil, ciùin,

Is blàths na grèine ga h-altraim,

Agus bu phrìseil an oiteag i.

 

Bha beatha innte

A mhair gus a’ mhionaid

Seo fhèin.

8.6.2014

 

ÈIRIGH-CUAIN

 

Cha do mhothaich mi idir

Gun robh an cuan ag èirigh,

Cumhachd na mara a’ bleith na tire,

A’ cagnadh nan creag, a’ slugadh na gainmhich,

Gus am faca mi na dh’fhàg am muir-làn

Àrd os cionn an rathaid mhòir

Aig beul Thràigh Ghot

Air oidhche na stoirme,

Stamhan is botaill phlastaig,

Àracain is fiodh is connain-mhara,

Sligean-creachain is ròpaichean,

Is ribeanan robach feamainn.

Chan fhada gus am feum iad

An rathad a ghluasad.

 

Agus bhuail e orm le sad

Gun do shearg m’ eilean

Ceithir-thimcheall orm,

Creag an dèidh creige a’ tuiteam

Gu sàmhach do na doimhneachdan

Às nach tilleadh iad, gun duine

A’ sealltainn no a’ gabhail beachd,

’S gun tuigse idir agamsa

Gun robh cunnart ann;

Gun fhios domh gun robh

An crìonadh gam chreachadh.

 

An-diugh tha mi nam sheasamh

Nam sheann Bhodach Hòidh,

A’ togail fianais air Atlantis,

Gus an gèill na bunaitean

A tha fhathast gam chumail

Seasmhach ann am meadhan

Na h-atmhorachd ùir:

Bidh iad a’ dìosgail

Anns an ath stoirm,

’S an làn mòr coimheach

 Aig àirde.

 

Cha mhothaich duine beò

Nuair a dh’fhalbhas iad buileach,

’S a thuiteas na creagan

Deireannach agamsa

Don aigeann

Còmhla ris

A’ chòrr.

 


Dealbh alainn a rinn Alasdair W. Thompson den t-sealladh a-null bhon Bhaile Nodha agus Sorobaidh air do chulaibh.



SÒROBAIDH

 

Bhon Bhaile Nodha null,

Is speur is muir ri grèin,

An Ruighe is Beinn Ghot

Leam mar thìrean cèin:

 

A’ mhuir na laighe gorm

’S ceòl nan Salm nam chluais:

Niall Ruadh a’ seinn mun àit’

As àillidh, mìle uair:

 

An t-sèisd a’ goid mo smuaint,

’S an dealbh cho soilleir sèimh:

Sòrobaidh air mo chùl –

A bheil mi dlùth air Nèamh?



 

TRÀIGH GHOT

 

Bàgh Ghot timcheall orm

Drithleann air gach tonn;

Anns a’ ghainmhich mhìn

Chìthear lorg mo bhonn.

 

Bat’-aiseig tighinn gu rèidh,

Gu caladh shocrach chiùin,

A’ tionndadh ris an alt,

Gu smachdail le cuid iùil.

 

Is Circeabol gu h-àrd,

Seann eaglaisean air cnoc,

A’ cumail faire naomh

Air gach aon fon phloc.